Am faod mi stuthan a’ BhBC a chleachdadh?
Bidh sinn a’ faighinn tòrr iarrtasan bho dhaoine is bho bhuidhnean a tha ag iarraidh stuthan a’ BhBC a chleachdadh, leithid prògraman slàn, criomagan, dealbhan agus stuthan bho bbc.co.uk.
Nuair a tha cead a dhìth
Airson gach nì a leanas a chleachdadh…
• Prògraman slàn
• Criomagan
• Dealbhan
• Stuthan
• Ar suaicheantas agus ar brandadh
• Meata-dàta
• Rud sam bith eile bho ar seirbheisean a leasaicheas no a thrèanas tuigse inntealta, no a nì mion-sgrùdadh coimpiutaireachd
• Nì sam bith eile a tha air a dhìon le còraichean
… feumaidh tu cead fhaighinn.
Ged nach tig againn air cead a thoirt dhut an-còmhnaidh
…ri linn ‘s nach eil na còraichean daonnan againne.
Tha stuthan dhaoine eile tric am measg na stuthan againne. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh dealbhan, bhidiothan agus pìosan ciùil nochdadh ann am prògraman TBh le còirichean a tha aig luchd-ealain, cleasaichean no luchd-ciùil. No dh’fhaodadh nach eil ach cead againn am prògram fhèin a chraoladh, agus gur ann aig companaidh neo-eisimeileach a tha na còraichean.
Tha e comasach dhuinn cead a thoirt airson cuid a stuthan a chleachdadh ge-tà.