Na cleachd sgaoilein airson adhbharan millteach no oilbheumach
Seo liosta de rudan a dh’fhaodadh a bhith millteach no oilbheumach:
• Ag ailiseachadh, cuir air seacharan, dèanamh leth-bhreith no a’ toirt an cliù bho dhaoine
• A’ cur air adhart drùiseantachd, tombaca no innealan-cogaidh
• A’ cur clann ann an cunnart
• Càil mì-laghail. Mar a bhith a’ cleachdadh cainnt gràin, a’ brosnachadh ceannairc no a’ briseadh lagh prìobhaideachd
• Càil a mhilleadh cliù a’ BhBC
Na dèan e coltach ris gun do chosg sgaoilein airgead
Chan fhaod thu pàigheadh iarraidh airson ar sgaoilein a chleachdadh. Ma chuireas tu iad air làraich a tha ag iarraidh pàigheadh airson stuthan, feumaidh tu a ràdh gu bheil iad rim faicinn an-asgaidh.
Na dèan iad nas nochdte na stuthan nach eil bhon BhBC
No dh’fhaodadh e bhith a’ coimhead mar gu bheil sinn a’ cur taic riut. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chruthachadh dhut fhèin anns nach eil ach na sgaoilein againne.
Na àibheisich do dhàimh ris a’ BhBC
Chan fhaod thu a ràdh gu bheil sinn a’ toirt taic, a’ cur air adhart, a’ solarachadh no a’ gabhail deagh bheachd ort. Na cleachd sgaoilein air adhbharan poilitigeach. Agus chan fhaod thu a ràdh gur ann agadsa a-mhàin a tha cead ar stuth a chleachdadh.
Na dean ceangal eadar stuthan a’ BhBC agus sanasachd no goistidheachd
Tha sin a’ ciallachadh nach fhaod thu:
• Stuth sam bith eile a chur eadar an ceangal chun an sgaoilein agus an sgaoilean fhèin. Chan fhaod thu sanasan no bhidiothan goirid a dh’fheumas daoine fhaicinn a chleachdadh
• Sanasan a chur rin taobh no thairis orra
• Sanasan a chur ann an duilleig sam bith no app anns a bheil mòr-chuid de sgaoilein
• Sanasan co-cheangailte rin cuspair a chur ri taobh sgaoilein. Ma tha sgaoilean agad mu bhrògan chan fhaod thu sanas mu bhrògan-ruith a chur faisg air
• Stuthan a bharrachd a chur ris a chiallaicheadh gun dèanadh tu airgead bhuapa.
Na bi meallta mu cò às a thàinig iad
Chan urrainnear am fios mu chòraichean a thoirt air falbh no atharrachadh, no beachd a thoirt gur e cuideigin eile a chruthaich iad.