A' sgaoileadh fiosrachadh le làraich meadhanan sòisealta

Air ùrachadh: 31 An Cèitean 2019

Ma tha cunntas BBC agad 's dòcha gun cleachd sinn an fhiosrachadh a th' againn mud dheidhinn gus molaidhean BBC nas pearsanta a thoirt thugad air làraich meadhanan sòisealta, leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter. Mar eisimpleir, 's dòcha nach seall sinn sanasan dhut mu phrògram a choimhead thu roimhe.

Gus ar molaidhean a dhèanamh nas pearsanta, bidh sinn a' maidseadh seòlaidhean-d inchrioptaichte gu teàrainte tron bhuidheann treas pàrtaidh, Salesforce. Chan fhaic làrach meadhanan sòisealta seòladh-d ach a-mhàin ma chaidh a chleachdadh mar-thà airson cunntas air an làrach fhèin. Cha toir sinn seachad dàta ùr mu luchd-cleachdaidh a’ BhBC.

A' gabhail smachd air do dhàta

Faodaidh tu do sheataidhean atharrachadh mura bheil thu airson do dhàta a ghluasad gu làraich meadhanan sòisealta a bhios tu a' cleachdadh mar-thà. Rach chun earrainn mu phrìobhaideachd is cookies ann an seataidhean do chunntas. An uair sin, cur dheth ‘Ceadaich molaidhean nas pearsanta air meadhanan sòisealta’. 'S dòcha gum faic thu fhathast brathan bhon a' BhBC, ach cha bhi iad pearsaichte a' cleachdadh dàta bhon chunntas BBC agad.

(Cuideachd, faodar na seataidhean air làrach nam meadhanan sòisealta fhèin atharrachadh, gus smachd a chumail air an seòrsa prìomh shanasan a nochdas air an làraich.)

Tagh cànan: EnglishCymraeg