Ciamar a tha m’ fhiosrachadh air a chleachdadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh?

Air ùrachadh: 22 An Cèitean 2018

Uaireannan cleachdaidh sinn ar coimpiutairean airson d' fhiosrachadh pearsanta a sgrùdadh. 'S dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh seo gus tuigsinn mar a bhios tu a' cleachdadh ar seirbheisean. A thaobh cuid a cho-dhùnaidhean mòra a dh’fhaodadh buaidh a thoirt ort, tha còraichean agad, agus tha iad seo a' gabhail a-steach pròifileadh. Mìnichidh sinn dhut gach turas a dh’fhaodadh sinn seo a dhèanamh, carson a tha e a’ tachairt agus a’ bhuaidh.

Ma tha cunntas BBC agad

'S dòcha gum faigh thu molaidhean pearsanta, ach faodaidh tu seo a chur dheth ma tha thu ag iarraidh.

Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?

Bidh sinn a' cleachdadh cookies gus tuigse fhaighinn air mar a tha thu a' cleachdadh ar seirbheisean. Faodar an ùrachadh nad sheataidhean nam biodh tu airson seo a dhèanamh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg