Carson nach urrainn dhomh logadh a-steach tro Facebook no Google+ tuilleadh?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Dh’fhaodadh gun chlàr thu cheana led chunntas Facebook no Google+. Ach bho dh’ùraich sinn ar siostaman, chan eil e comasach seo a dhèanamh tuilleadh. Feumaidh tu do sheòladh-d a cheangal ri cunntas a’ BhBC. Seo mar a nì thu sin:

  • Air an duilleig far am bi thu a’ logadh a-steach, brùth air “Duilgheadas a’ logadh a-steach?”
  • Tagh “Bidh mi a’ logadh a-steach le Facebook no Google+”
  • Lean na thathas ag iarraidh ort a dhèanamh agus cuir do sheòladh-d ri cunntas a’ BhBC
  • Cleachd do sheòladh-d an ath thuras a logas tu a-steach.
Tagh cànan: EnglishCymraeg