Dè tha tachairt do na beachdan a tha mi a’ cur air a’ BhBC?

Air ùrachadh: 24 An Giblean 2020

Tha sin a rèir cò thu agus càite bheil thu gan cuir.

what_happens_to_comments_once_i_post_them.png

Mas e pàiste a th’ annad agus tu a’ cur beachd air làraich dha pàistean

Bheir sinn sùil air do bheachd mus cuir sinn suas e gus dèanamh cinnteach nach eil e a' briseadh ar riaghailtean airson beachdachadh agus a' luchdachadh suas

Mas e inbheach a th’ annad

Nochdaidh do bheachd anns a’ bhad, mura bheil thu an urra ri co-mheasaidh ro làimh. Ma ghearaineas duine mu dheidhinn, nì sinn sgrùdadh faic a bheil e a’ briseadh ar riaghailtean.

Leugh mu co-mheasaidh ro làimh ann an "Dè th’ ann an co-mheasadh?"

Ma tha do bheachd a’ briseadh ar riaghailtean

Dubhaidh sinn às e agus cuiridh sinn post-dealain thugad a’ mìneachadh carson. Ma thogras tu, faodaidh tu tagradh a dhèanamh an aghaidh sin. Faic ar riaghailtean mu bheachdachadh agus a' luchdachadh suas an seo, agus leugh mu carson a chaidh do bheachd no na luchdaich thu suas a dhubhadh às an seo. 

A' faicinn do bheachdan

Tha e comasach dhut liosta fhaicinn de na beachdan as ùire a chuir thu suas. Lorgar e anns an earrann Do bheachdan de do chunntas.

Ciamar a dhubhas mi às beachd a chuir mi suas?

Feumaidh tu post-dealain a chur gu BBCCommunities@bbc.co.uk ag iarraidh orra am beachd a thoirt air falbh, le fios mu carson. Cuideachd, 's dòcha nach tèid an toirt a-nuas.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha sinn a’ dèiligeadh ri do stuth an seo.

Leugh ar Poileasaidh Prìobhaideachd air fad airson faighinn a-mach mu na bhios sinn a' dèanamh le do bheachdan.

Leugh ar Cumhaichean Cleachdaidh air fad airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mu dè dh’fhaodas sinn a dhèanamh le do bheachdan agus dè nach fhaod thu a ràdh nad bheachdan.

Tagh cànan: EnglishCymraeg