Dè tha “Air a mholadh dhut” a’ ciallachadh?

Air ùrachadh: 27 An t-Iuchar 2020

Nuair a tha thu air logadh a-steach don BhBC, molaidh sinn rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut. Le sin, a bharrachd air a bhith faicinn na rudan as còrdaichte, faodaidh tu rudan eile a lorg a dh’fhaodadh tu bhith air a chall.

How_do_you_create_my_recommendations.png

Ciamar a tha sibh a’ dèanamh molaidhean?

Tha sinn gan stèidheachadh air mar a tha thu air a bhith a’ cleachdadh a’ BhBC. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ coimhead tòrr phrògraman nàdair, dh’fhaodadh sinn prògram aithriseach ùr le David Attenborough a mholadh.

Bidh sinn cuideachd a’ moladh rudan a tha còrdadh ri daoine leis na h-aon seòrsa ùidhean. Agus bidh sinn a’ moladh rudan a tha còrdadh riutsa dha na daoine sin.

Air app BBC+, faodaidh tu fhèin buaidh a thoirt air do mholaidhean le bhith taghadh criomagan bhidio is toil leat no ag innse mun fheadhainn nach toil leat air an sgrion dachaigh agad.

Càite an lorg mi molaidhean?

Dìreach cùm sùil a-mach airson na rudan a tha sinn “Air a mholadh dhut-sa”. Lorgaidh tu iad air duilleag-dachaigh a’ BhBCBBC iPlayer, BBC Sounds agus app BBC+.

Ciamar a chuireas mi stad air molaidhean?

Bidh sinn a' cumail d' fhiosrachadh teàrainte, a rèir ar Poileasaidh air Prìobhaideachd agus Cookies. Faodaidh tu leughadh mu dè bhios sinn a' dèanamh leis an dàta agad an seo.

Mura bheil thu fhathast ag iarraidh molaidhean, faodaidh tu do sheataidhean pearsanachaidh atharrachadh sa chunntas BBC agad.

Tagh cànan: EnglishCymraeg