Tha duilgheadas agam le m’ ainm-cleachdaidh

Air ùrachadh: 31 Am Faoilleach 2018

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. Feuch le do sheòladh-d. Feumaidh neach a tha 13 no nas sine logadh a-steach leis an seòladh-d aca seach ainm-cleachdaidh. Ma dh’obraicheas sin, cuimhnich do sheòladh-d a chleachdadh gach turas a tha thu a’ logadh a-steach.

3. A bheil thu a’ cleachdadh an ainm-cleachdaidh leis an do chlàraich thu airson cunntas BBC? 

A bheil thu aois 13 no nas sine?

Tha ainmean-cleachdaidh a-nis airson daoine a tha fo 13. A-nis feumaidh neach a tha 13 no nas sine logadh a-steach leis an seòladh-d aca.

Leis an sin, ma tha thu 13 no nas sine agus ma tha trioblaidean agad a logadh a-steach le d’ ainm-cleachdaidh, feuch do sheòladh-d na àite. ‘S dòcha gu bheil thu air a chur rid chunntas BBC roimhe.

 

Tagh cànan: EnglishCymraeg