Tha duilgheadas agam le m’ fhacal-faire

Air ùrachadh: 18 An Lùnastal 2017

Cuimhnich, feumaidh d’ fhacal-faire na leanas:

  • Ochd no barrachd charactaran
  • Co-dhiù aon litir
  • Co-dhiù aon àireamh no samhla.

Cuimhnich air d’ fhacal-faire, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh an seo. Lean an stiùireadh a tha seo:

  1. Rach gu Dhìochuimhnich mi m’ fhacal-faire.
  2. Nuair a thèid iarraidh ort, cuir a-steach an seòladh-d a chleachd thu nuair a chlàraich thu leis a’ BhBC. (Ma chleachd thu seòladh-d nach eil fìor, cha tèid agad air d’ fhacal-faire atharrachadh, agus feumaidh tu clàradh airson cunntas ùr.)
  3. Cuiridh sinn post-d thugad le ceangal airson d’ fhacal-faire ùrachadh.
  4. Nuair a gheibh thu am post-d a tha sin, cliog air a’ cheangal agus thèid do thoirt gu duilleag far an urrainn dhut facal-faire ùr a chruthachadh.

Cuimhnich air d’ fhacal-faire, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.

Cha lorgar am post-d?

‘S dòcha gu bheil e nad phasgan sgudal-d. Thoir sùil. Dèan cinnteach gu bheil do shìoltachan sgudal-d air a sheatadh air dhòigh ‘s gun gabh e ri puist-dealain bhon BhBC. 

Chan eil thu fhathast ga lorg?

Lean na ceumannan gu h-àrd a-rithist airson post-d ùr fhaighinn.

Fo aois 13?

Duilich, ach chan urrainn dhut d’ fhacal-faire ùrachadh ma tha thu air a dhìochuimhneachadh. Feumaidh tu clàradh airson cunntas BBC ùr.

Feuch gun cuimhnich thu air d’ fhacal-faire an turas seo, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.

Tagh cànan: EnglishCymraeg