Tha duilgheadas agam le mo sheòladh-d

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. A bheil thu a’ cleachdadh an seòladh-d leis an do chlàraich thu airson cunntas BBC? Ma tha greis bho rinn thu seo, dh’fhaodadh gur e seann sheòladh-d a bh’ ann agus nach eil thu ga chleachdadh tuilleadh.

3. Na chlàraich thu nuair a bha thu fo aois 13? Ma chlàraich, dh’fhaodadh gun chleachd thu ainm-cleachdaidh an àite seòladh-d. Feuch ri logadh a-steach le d’ ainm-cleachdaidh.

4. Dh’fhaodadh gun chlàraich thu le cunntas Facebook no Google+. Tha sinn air ar siostaman ùrachadh agus chan eil e comasach seo a dhèanamh tuilleadh. Feumaidh tu do sheòladh-d a cheangal ri cunntas a’ BhBC. Seo mar a nì thu sin:

  • Air an duilleig far am bi thu a’ logadh a-steach, brùth air “Duilgheadas a’ logadh a-steach?”
  • Tagh “Bidh mi a’ logadh a-steach le Facebook no Google+”
  • Lean na thathas ag iarraidh ort a dhèanamh agus cuir do sheòladh-d ri cunntas a’ BhBC
  • Cleachd do sheòladh-d an ath thuras a thu thu a’ logadh a-steach.

5. Mur eil thu air do chunntas a chleachdadh fad an dà bhliadhna a dh’fhalbh dh’fhaodar a ràdh gu bheil do chunntas tàmhach no fiù ‘s air a dhubhadh às a rèir ar poileasaidh a thaobh prìobhaideachd. Thoir sùil air do bhogsa a-steach faic an do chuir sinn puist-d thugad bho chionn ghoirid mun seo.

Duilgheadas le bhith a’ daingneachadh do sheòladh-d?

Gheibh thu taic le bhith a’ daingneachadh do sheòladh-d an seo.

Tagh cànan: EnglishCymraeg