Ciamar a tha am BBC air a dhèanamh pearsaichte dhòmhsa?
Ann am BBC iPlayer
Nuair a tha thu air logadh a-steach molaidh sinn prògraman a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut, stèidhichte air prògraman a choimhead thu mar-thà. Dìreach cùm sùil airson prògraman a tha “Air a mholadh dhut”.
Cuimhnichidh sinn cuideachd dè na tha thu air coimhead de phrògram. Le sin, gheibh thu air tòiseachadh dìreach far na sguir thu, air inneal sam bith.
Ann am BBC Sounds
Faodar lorg fhaighinn air prògraman ùra tro 'Air a mholadh dhut', le taghaidhean dìreach dhut fhèin.
Gheibh thu gu na podcastan is na prògraman rèidio as ùire aig a' BhBC gu furasta agus faodar prògraman no criomagan a chomharrachadh airson èisteachd riutha aig àm eile.
Ann an app BBC Sport
’S e dòigh fhurasta a th’ ann am My Sport airson cumail suas ri na naidheachdan as ùire mu na spòrsan agus na sgiobaidhean as fheàrr leat.
Tagh bho còrr air 300 cuspair spòrs airson do dhuilleig My Sport a chruthachadh. Agus log a-steach airson fhaighinn air d’ innealan air fad.
Faodaidh tu cuideachd roghnachadh brathan fhaighinn mu Bhall-coise, Formula 1, Criogaid, Rugbaidh Aonaidh, Rugby Lìog agus na Naidheachdan Spòrs as ùire.
Air Naidheachdan a' BhBC
Bho àm gu àm molaidh sinn sgeulachdan a rèir na leugh thu roimhe, agus na tha daoine le ùidh sna h-aon seòrsa churspairean riut a leughadh.
Chan fhalaich sinn sgeulachdan bhuat aig àm sam bith, agus gheibhear chun na prìomh naidheachdan aig àm sam bith.
Na do chunntas
Air duilleag-dachaigh 'Do chunntas', chì thu na tha thu air a chleachdadh o chionn ghoirid leis a' BhBC - mar eisimpleir, prògraman a choimhead thu air iPlayer no podcastan ris an do dh'èist thu air Sounds.
Ann am BBC Children’s
Faodaidh clann na prògraman agus na cuspairean as fheàrr leotha a chur ris. Tha seo a’ ciallachadh gu nochd iad air bàrr duilleagan CBBC agus CBeebies, ga dhèanamh nas fhasa an lorg.
Ann am BBC Bitesize
Air an làrach-lìn, cruthaich slighe ionnsachaidh dhut fhèin le cuspairean àrd-sgoil no nas sine na 16 bliadhna dh'aois agus iùil ionnsachaidh.
Cùm sùil an seo
Tha sinn daonnan a’ lorg dòighean ùra gus am BBC a dhèanamh nas pearsanta dhut. Coimhead a-mach air an son air feadh a’ BhBC.