Ciamar a chleachdas agus a chumas mi smachd air fiosan?

Air ùrachadh: 29 An t-Iuchar 2020

Gheibh thu gu d’ fhiosan ge bith càite bheil thu air làrach-lìn a’ BhBC, le bhith cliogadh air a’ chlag aig mullach na duilleig.

How_to_use_my_notifications_1.png

Cia mheud fios a gheibh mi?

Bidh sin a rèir cia mheud nì a tha thu air a chur ris no ris an do fo-sgrìobh thu. Mar as motha a chuireas tu ris, ’s ann as motha de dh’fhiosan a gheibh thu.

Dè cho fada ’s a mhaireas m’ fhiosan?

Fuirichidh iad na d’ fhiosan airson seachd latha an dèidh dhaibh nochdadh an toiseach. Ma tha bogsa d’ fhiosan falamh, tha sin a’ ciallachadh nach eil dad ùr ann dhut. No thionndaidh thu dheth iad sna seataidhean.

Ciamar a chumas mi smachd air m’ fhiosan?

An toiseach fosgail d’ fhiosan le bhith cliogadh air a’ chlag aig mullach na duilleig. An uair sin cliog air “Seataidhean” is bidh comas agad d’ fhiosan a chur air no dheth.

How to use my notifications

An urrainn dhomh stad a chur air fiosan mu phrògram sònraichte?

'S urrainn – rach gu My Sounds ann an Sounds no My Programmes ann an iPlayer agus faodaidh tu prògraman a thoirt às an sin.

Ma thionndaidheas mi fiosan dheth, an toir e buaidh air na rudan a chur mi ris?

Cha toir, bidh rud sam bith a chur thu ris fhathast ann.

Tagh cànan: EnglishCymraeg