Taic le cunntasan chloinne

Air ùrachadh: 6 An Giblean 2018

Faodaidh clann de dh'aois sam bith cunntas BBC a chur air dòigh. Ach airson an cumail sàbhailte, feumaidh clann fo aois 13 cead bho phàrant no neach-cùraim mus fhaod iad cuid a rudan a dhèanamh, mar beachdan fhàgail air bùird-brath.

Tha dà dhòigh air cead fhaighinn:

• Faodaidh pàrant no neach-cùraim clàradh airson cunntas ùr do phàiste agus ceadan a stèidheachadh, no:
• Faodaidh pàiste ceangal a dhèanamh eadar an cunntas a th’ aca mar-thà is cunntas pàrant no neach-cùraim, agus ceadan iarraidh. Faighnichidh sinn dè an seòladh-d a bhios am pàrant no neach-cùraim a’ cleachdadh airson logadh a-steach dhan a’ BhBC. An dèidh sin, cuiridh sinn post-d thuca airson taghadh a dhèanamh air dè dh’fhaodas am pàiste fhaighinn.

Faigh a-mach mar a nì thu sin, agus tòrr a bharrachd, le bhith cliogadh air na ceanglaichean gu h-ìosal.

Ma tha thu fo 18 agus taobh a-muigh na RA…

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA, chan fhaigh thu gu ar stuthan chloinne fiù 's ged a chlàradh tu airson cunntas chloinne a’ BhBC. Na cruthaich cunntas BBC ma tha thu air taobh a-muigh na RA agus fo aois 18 oir dh’fhaodadh gun tèid a thoirt air falbh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg