Mu do sheataidhean pearsanachaidh

Air ùrachadh: 29 An t-Iuchar 2020

Le “pearsanachadh” tha sinn a’ ciallachadh:

  • A’ moladh rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riut
  • A’ cuimhneachadh dè cho fada air adhart ann am prògram ’s a tha thu (gus am faod thu tòiseachadh ga choimhead a-rithist far an do stad thu)
  • A’ cur brathan thugad mu rudan a tha a’ còrdadh riut.

Mus urrainn dhuinn sin a dhèanamh, feumaidh tuigse a bhith againn air mar a tha thu a’ cleachdadh am BBC, le bhith coimhead ri rudan mar na h-artaigilean a bhios tu a’ leughadh agus na prògraman a bhios tu a’ coimhead.

Faigh a-mach tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ cruinneachadh dàta mud dheidhinn.

Mar a thionndaidheas tu pearsanachadh dheth

Faodaidh tu “Ceadaich pearsanachadh” a thionndadh dheth ann an seataidhean do chunntais BBC.

Dè thachras ma thionndaidheas tu pearsanachadh dheth?

• Chan fhaigh thu molaidhean pearsanta stèidhichte air rudan a chunnaic thu no ris an do dh’èist thu.
• Cha bhi e comasach dhut fios-naidheachd pearsaichte a’ BhBC fhaighinn. Ma chlàraich thu mar-thà, stadaidh tu gam faighinn.
• Cha chuimhnich sinn dè cho fada air adhart ann am prògram ‘s a tha thu. Le sin cha bhi e comasach dhut stad a chur air prògram is tòiseachadh a-rithist far an do stad thu.
• Bidh e fhathast comasach dhut ''cuir ris'' a dhèanamh airson an àm ri teachd, fiosan fhaighinn, beachdan a thoirt air sgeulachdan, agus bhòtadh air prògraman leithid Strictly Come Dancing.

Mar a nì thu cinnteach gu bheil do sheatadh pearsanachaidh air ùrachadh anns gach àite

Nuair a dh’atharraicheas tu do sheatadh pearsanachaidh tha e air ùrachadh anns a’ bhad air a’ bhrobhsair lìn a tha thu a’ cleachdadh. Ach cha tèid ùrachadh anns a’ bhad air brobhsairean, innealan no apps BBC sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh. Le sin, aon uair ’s gu bheil thu air seatadh air aon bhrobhsair atharrachadh…

• Air brobhsairean lìn sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh, nam measg feadhainn air innealan eadar-dhealaichte, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist.
• Air apps BBC sam bith air d’ fhòn no air do thablaid, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist. An uairsin, dùin an app agus fosgail e a-rithist.

An e an aon rud a th’ ann a’ tionndadh dheth pearsanachadh agus a’ tionndadh dheth cookies?

An e an aon rud a th’ ann an tionndadh dheth pearsanachadh is tionndadh dheth fiosan?

Chan e, tha iad eadar-dhealaichte. Gus fiosan a chur dheth, cliog air a’ ghlag agus atharraich seataidhean na fiosan an sin, no rach chun na seataidhean air ann app agad.

Tagh cànan: EnglishCymraeg