Gaisgeach gun Urram 2018: a’ lorg dhaoine a tha ag obair gu saor-thoileach a tha inntinneach, as dìcheallach agus beothail.

Media playback is not supported on this device

Nominate your Get Inspired Unsung Hero 2018 today

Tha duais Gaisgeach gun Urram a' BhBC air ais airson daoine a chomharrachadh a tha ag obair gu saor-thoileach nan tìde fhèin gus daoine a chuideachadh gu bhith an sàs ann an spòrs agus gnìomhan sùbailteachd aig ìre coimhearsnachd.

Air ais airson na 16mh bliadhna, cumaidh Gaisgeach gun Urram 2018 sùil a-mach airson daoine a tha ag obair gu saor-thoileach a tha beothail, dìcheallach agus dìorrasach bho air feadh na RA, a tha a' misneachadh dhaoine de gach aois a bhith èasgaidh agus frogail.

Tha sinn ag iarraidh oirbh aon uair eile Gaisgeach gun Urram airson na coimhearsnachd agaibh fèin a mholadh.

Cuiribh a-steach ur n-ainmeachaidhean an-diugh!

Ciamar?

Tha e gu math sìmplidh: carson a tha an neach a tha thusa ag ainmeachadh airidh air a bhith na Ghaisgeach gun Urram.

Cuir a-steach air a shon:

Carson?

Tha sinn airson leantainn oirnn a' comharrachadh nan daoine a tha air a bhith a' brosnachadh dhaoine eile gu bhith an sàs ann an eacarsaich fad bhliadhnaichean, ach tha sinn airson cuideachd a bhith a' cur fòcas air na daoine òga a tha air a bhith mar Ghaisgeach gun Urram fad bhliadhnaichean aig a bheil sgeulachdan inntinneach ri innse.

Daoine mar oileanach a tha a' stiùireadh mhòran gu bhith a' com-pàirteachadh sa chluba ruith gach seachdain tro bhith ga shanasachd air na meadhanan sòisealta, an neach proifeiseanta òg a bhios fad fhionnairidhean san ionad bogsadh gus na daoine òga gun mhòran a chumail air falbh bho na sràidean. Agus an tidsear dannsa 17 bliadhna a bhios a' cleachdadh an clas aice airson cothrom innse mu cho cudromach 's a tha slàinte inntinn.

Mas e spòrs no gnìomh* a tha ann a dh'fheumas daoine a bhith ag obair gu saor-thoileach, agus gu bheil thu eòlach air cuideigin a dìorrasach agus deònach daoine a bhrosnachadh gu bhith an sàs ann an spòrs, tha feum againn ort a bhith gan ainmeachadh!

(* cho fad 's a tha an spòrs air aithneachadh le buidheann riaghlaidh nàiseanta - a tha air an ainmeachadh ann an àite eile san sgrìobhainn seo)

Cò?

Diorrasach, acrach, àrd-amasach agus dìleas mu bhith a' dèanamh eadar-dhealachadh sa choimhearsnachd agad no sa chluba agad. Cò a tha thu dhan bheachd a tha mar sin?

Smaoinich orra a' faighinn dealbh air a thogail còmhla ris na rionnagan air brat ùrlar dearg Pearsa Spòrs a' BhBC agus duais air a thoirt dhaibh air beulaibh sluagh mòr, is fhios agad gur ann mar thoradh air an ainmeachadh agadsa a tha iad ann. Tha làn fhios aig an tè a bhuannaich ann an 2017 Denise Larrad cò ris a tha seo coltach.

Video of Denise being awarded the trophy or composite of photos of Denise from the night

Media playback is not supported on this device

Community volunteer wins BBC Get Inspired Unsung Hero award 2017

Is fhiach seo fheuchainn, nach fhiach? Ainmich an neach airson 2018 a tha a' cur daoine eile air thoiseach.

Ged a dh'fhaodadh gun do dh'ainmich thu cuideigin ron seo, faodaidh tu an neach sin ainmeachadh a-rithist am bliadhna (cho fad 's nach do bhuannaich iad san roinn agad ron seo).

Càite?

Tha sinn airson nan daoine as dìcheallaich, as dìoghrasaich agus as brosnachail a tha ag obair gu saor-thoileach air feadh na RA a lorg.

Eadar Inbhir Theòrsa agus Torquay, Llanelli agus Lowestoft agus a h-uile h-àite eile, bidh ar stèiseanan BBC roinneil agus nàiseanta a' cruinneachadh nan ainmeachaidhean agaibh.

An dèidh nan ainmeachaidhean fhaighinn, agus le taic bho phannal ionadail, thèid geàrr-liosta ullachadh agus neach-buannachaidh roinneil a thaghadh.

Thèid na 15 a bhuannaich, aon bho gach roinn air adhart chun na duais nàiseanta, agus bidh pannal de shàr luchd spòrs, le beagan cuideachaidh bho ghnìomhachas an spòrs agus bho luchd nam meadhanan, a' toirt sùil gheur air gach Gaisgeach gun Urram. An dèidh a bhith a' deasbad fad latha thig iad gu aonta mu Ghaisgeach gun Urram A' BhBC 2018.

Cuin?

Faodar ainmeachaidhean a chur a-steach A-NIS. Siuthad, dèan rud beag do neach a tha a' dèanamh rud mòr!

Ainmich an Gaisgeach gun Urram agad ron cheann-ùine, meadhan-oidhche air Didòmhnaich 21 Dàmhair 2018 air neo feumaidh tu fuireach gu 2019.

  • Faodaidh tu an duilleag seo fhaicinn ann an Cuimris agus ann am Beurla agus faodaidh tu na teirmichean agus na cumhaichean fhaicinn ann an Cuimris.