BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 14 An t-Iuchar, 2011 - Air fhoillseachadh aig 16:09 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
"Feumaidh Gàidheil seasamh aig Mì-rùn Mòr nan Gall"
 
Pàipearan-naidheachd
Rinneadh rannsachadh thar bliadhna air na bha sna pàipearan-naidheachd
"Mhair i fòs,
'S cha tèid a glòir air chall,
A dh'aindeoin gò
Is mì-run mòr nan Gall.
'S i a labhair Alba,
'S Gall-bhodacha fèin,
Ar flaith 's ar prionnsan
'S ar diùcanna gun èis."

Tha bliadhnaichean mòra bho sgrìobh am bàrd iomraiteach Alasdair MacMhaighstir Alasdair an rann sin, san 18mh Linn.

Nochd e dà rud a bu lèir dha: mì-rùn aig na Goill dha na Gàidheil; agus aineolas gur i a' Ghàidhlig a bhruidhneadh daoine air Ghalltachd na h-Alba o shean.

Dà cheud gu leth bliadhna air adhart, agus tha a' Ghàidhlig a' faighinn aithne a-rithist aig àrd-ìre ann an Alba, le tomhas de dhìon laghail.

Fiù 's san 21mh Linn ge-tà, tha gabhlas uair is uair ga nochdadh don Ghàidhlig, agus do na Gàidheil ann am meadhanan clo-bhuailte na h-Alba.

Tha rannsachadh a rinneadh do Bhòrd na Gàidhlig air sealltainn gur ann an sin as motha a tha Mì-rùn Mòr nan Gall fhathast a' nochdadh.

Choimhead an t-Oll. Coinneach MacFhionnghuin, à roinn na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain, air na bh' anns na pàipearan ann an Alba fad bliadhna.

"Tha eachdraidh ga tionndadh gu faoineas. Aig amannan tha na facts ceàrr cuideachd," thuirt e.

 It was only later we learned that he was one of the many Gaels from the Western Isles who fought for the Jerries, but were disgracefully pardoned in 1945 by the new Labour government
 
Uilleam Hickey, fear-naidheachd

"Tha daoine a' dèanamh phìosan a tha a' magadh air a' Ghàidhlig.

"Chan eil sin cho dona aig amannan - ach aig amannan eile tha e a' dol gu math "over the top."

Ma bha facail MhicMhaighstir Alasdair caran socair, tuigseach - ao-coltach ri mòran a sgrìobh e, dh'fheumte a ràdh - chan urrainnear an aon rud a ràdh mu chuid de na nochdas sa Bheurla mun Ghàidhlig.

"Even the deer have stopped speaking it... and that was only during the rutting season. Clearly, £30m - of our money mind you - has gone down the peat-bog."

Sin eisimpleir de na sgrìobh am fear-naidheachd Iain Gibson, ann an Evening News Dhùn Èideann.

Aig amannan eile, tha casaidean nas miosa buileach gan cur air Ghàidheil ge-tà. Nochd na leanas anns a' cholbh aig Uilleam Hickey, anns an Express:

"When I was a POW there was a particularly dim guard, whom we called "Aonghas" because he spoke in some weird language. It was only later we learned that he was one of the many Gaels from the Western Isles who fought for the Jerries, but were disgracefully pardoned in 1945 by the new Labour government."

 Tha facal agam airson sin. 'S e sin Pseudo-Munchausen's Linguaphobic Syndrome by Proxy
 
An t-Oll. Coinneach MacFhionnghuin

A rèir an Oll. MhicFhionnghuin, tha seo a' dol gu math faisg air gràin-cinnidh.

Leis gu bheil dìon laghail air mion-shlòigh à dùthchannan eile agus an cànanan, tha esan den bheachd gur e targaid fhosgailte a th' anns na Gàidheil agus an cànan aca.

"Tha facal agam airson sin. 'S e sin Pseudo-Munchausen's Linguaphobic Syndrome by Proxy.

"'S e seòrsa de thinneas anns an inntinn tha mi a' smaoineachadh," thuirt e.

Tha feadhainn a bhios gu tric a' bruidhinn a-mach an aghaidh cuid de leasachaidhean Gàidhlig a' dol an aghaidh na casaid làidir sin gu tur.

'S e Gallaibh aon de na h-àiteachan far an tric a chluinnear buaireadh mun Ghàidhlig, agus comhairlichean san sgìre a' cur an aghaidh shoidhnichean dà-chànanach, a tha mar phàirt de phlana Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd.

"Nuair a chanas tu gu bheil mi ag aontachadh ris a h-uile pàirt de Phlana na Gàidhlig, ach nach eil thu ag iarraidh shoidhnichean dà-chànanach, canar gu bheil thu an aghaidh na Gàidhlig," thuirt an Comh. Dàibhidh Flear.

"Bhathas a' gabhail "biggots" oirnn agus cuideachd "racists" agus corra fhacal eile. Chan e sin idir an suidheachadh againne ann an Gallaibh," thuirt e.

 Nuair a chanas tu gu bheil mi ag aontachadh ris a h-uile pàirt de Phlana na Gàidhlig, ach nach eil thu ag iarraidh shoidhnichean dà-chànanach, canar gu bheil thu an aghaidh na Gàidhlig
 
An Comh. Dàibhidh Flear

Tha rannsachadh air na pàipearan-naidheachd ge-tà, a' sealltainn gu bheil cuid de dhaoine a' faicinn na Gàidhlig mar rud deireannach agus seann-fhasanta.

"In the past Egyptian hieroglyphics dominated the pages of Egyptian history. Likewise I suggest Gaelic roadsigns on modern roads are an anachronism," sgrìobh cuideigin do Chourier Inbhir Nis.

Tha an t-Oll. MacFhionnghuin a' cumail a-mach gur ann le airgead prìobhaideach na làimhe-deise a thèid mòran de na buidhnean air am bi na pàipearan-naidheachd ag iarraidh bheachdan mun Ghàidhlig, agus a bhios a' càineadh na thèid a chosg oirre, a mhaoineachadh.

Tha esan a' gabhail "buidhnean astro-turf. Pseudo grass-roots" orra sin.

"Buidhnean mar an Tax-payers' Alliance, tha sinn a' faicinn gu bheil oidhirp ann a bhith a' tionndadh inntinnean agus a' dèanamh propaganda, agus tha airgead mòr air cùl sin," thuirt e.

Tha Àrd-Oifigear Bhòrd na Gàidhlig - a' phrìomh bhuidheann tro a bheil a' Ghàidhlig air a h-aithneachadh leis an Riaghaltas ann an Alba - Iain Aonghas MacAoidh, ag ràdh gu bheil thìde aig Gàidheil seasamh aig beachdan agus gabhlas nan aghaidh-san mar shluagh, agus an aghaidh an cànain.

"Tha tòrr a' còmhradh ann an aineolas an aghaidh na Gàidhlig, agus feumaidh sin feuchainn ri sin a cheartachadh, agus fiosrachadh a thoirt dhaibh," thuirt e.

Luchd na Gàidhlig

"Ach chan eil teagamh nach eil cuid, 's gu h-àraid feadhainn a tha a' sgrìobhadh ann an cuid de na pàipearan-naidheachd, gu math fada an aghaidh na Gàidhlig, agus a' sgrìobhadh rudan a tha oilteil. Feumaidh sinn aghaidh a chur air sin.

"Gu fortannach, chan eil e air buaidh a thoirt gu ruige seo, air smuaintean an Riaghaltais mu dheidhinn na Gàidhlig.

"Thèid sinn dhan bhuidhinn a tha còir a bhith a' sgrùdadh dè tha na pàipearan-naidheachd a' dèanamh, ach chan eil fhios agam a bheil cus misneachd againn gun èist iad sin - 's ann leis na pàipearan-naidheachd a tha a' bhuidheann sin.

"Tha againn ri sin a thoirt gu Buill-Phàrlamaid, gu Comataidh Cheartais an Riaghaltais, agus gum feum sinn deasbad fhosgladh a-mach mu dheidhinn sin.

 Tha mi an dòchas gu bheil beachdan ag atharrachadh am measg dhaoine leis a' Ghàidhlig cuideachd, agus gu bheil daoine moiteil gu bheil a' Ghàidhlig acasan
 
Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan

"Feumaidh sinn a bhith ann an suidheachadh far a bheil dìon laghail ann (mar a th' ann do mhion-shlòigh), ach tha e a' toirt ùine.

"Tha ceudan bhliadhnaichean bho thòisich an gabhlas seo an aghaidh na Gàidhlig. Chan eil thu a' dol ga cheartachadh ann an dà bhliadhna," thuirt e.

'S dòcha ge-tà, nach eil Mì-rùn Mòr nan Gall cho pailt an-diugh 's a bha e o chionn ghreis.

Thuirt Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, nach eil beachdan an aghaidh a' chànain cho pailt 's a bha iad uair.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil a' chuid as motha de dhaoine ann an Alba ann an dà champa: tha iad airson na Gàidhlig, no tha iad coma," thuirt e.

"Tha na làithean faisg air seachad tha mi an dòchas nuair a bha sinn a' leughadh rudan anns a' phàipear a h-uile là, an aghaidh na Gàidhlig.

"Nuair a bha mise ag ionnsachadh na Gàidhlig, bha daoine a' faighneachd "dè am puing?" agus 's e sin daoine aig an robh a' Ghàidhlig fhèin.

"Tha mi an dòchas gu bheil beachdan ag atharrachadh am measg dhaoine leis a' Ghàidhlig cuideachd, agus gu bheil daoine moiteil gu bheil a' Ghàidhlig acasan," thuirt e.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy