BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 21 An Dàmhair, 2010 - Air fhoillseachadh aig 11:02 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Dragh gu bheil coltas Inbhir Narrann a' milleadh na turasachd
 
Àrd-Shràid Inbhir Narrann
Thathas a' sgeadachadh na sràide an-dràsta
Tha dragh air cuid ann an Inbhir Narrann nach eil na h-uidhir de dhaoine a' tadhal air a' bhaile ri linn 's gu bheil togalaichean falamh a tha feumach air leasachadh a' milleadh coltas an àite.

Tha obair leasachaidh ga dèanamh air Àrd-Shràid Inbhir Narrann, ach a rèir Lachaidh MhicLeòid, a tha a' fuireach sa bhaile, tha feum air barrachd na sin.

Bha uair a b' e Inbhir Narrann fear de na prìomh bhailtean dhan tigeadh daoine air saor-làithean sa cheann a tuath, ri linn cho tlàth 's a tha an aimsir ann, na tràighean, agus raointean goilf.

Tha gu leòr sa bhaile a' gearain gu bheil Inbhir Nis a' faighinn bhuannachdan, fhad 's a tha Inbhir Narrann a' call a-mach.

Ceudan Dhaoine

"Tha 11 bliadhna bho thàinig sinne ann an seo," thuirt Mgr MacLeòid.

"Bha uaireigin a bha am baile seo tlachdmhor do dhaoine, 's bha iad a' tighinn an nan ceudan.

"Ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin ann an-diugh.

"Tha taigh-seinnse ann an sin, an Regal Bar a bh' aca air.

"Tha e na chùis mhùirt mar a tha e. Dhùin e sìos tha mi a' creidsinn bho chionn còig no sia bliadhnaichean.

"Bha e fosgailte nuair a thàinig sinne an seo.

 Tha an t-àite air a dhol bhuaithe, 's chan ann nas fheàrr a tha e a' dol
 
Lachaidh MacLeòid

"Cha robh e ach gu math salach, grannda a choimhead an uair sin.

"Ach a-nis o chaidh a dhùnadh, tha bùird anns na h-uinneagan.

"Agus air do làimh cheàrr, tha garaids ann an sin faisg air far am bi na busaichean a' stad, agus chan eil càil air a' mhullach sin ach feur, agus as t-samhradh, tha na faoileagan a' neadachadh ann an sin.

"Tha e maslach.

"Tha an Eaglais Shaor ann an sin dùinte bho thàinig sinne ann an seo, 's a h-uile àite agus bùird air na h-uinneagan.

"Chan eil e a' coimhead glè mhath do shrainnsearan a' tighinn a-steach dhan bhaile.

"Nuair a thàinig sinn ann 's e Safeways a bh' ann, agus bha iadsan a' dol a dhèanamh an-àirde a h-uile càil.

"Chaidh sin a reic, agus cheannaich na Moireasdanaich e, reic iadsan e, agus cheannaich Somerfield e, 's dè nach robh iadsan a' dol a dhèanamh?

"Tha a-nise an Co-op air a cheannach.

"Chan eil sinn a' cur an teagaimh ann an daoine a tha a' riaghladh a' bhaile, ach 's e glè bheag a tha sinn a' cluinneil bhuapasan.

"Tha muinntir na Comhairle a' gealltainn gu leòr, ach chan eil càil a' tachairt.

"Bu thoil leamsa gun cuireadh an Co-op ris a' bhùth a th' aca, oir chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil i mòr gu leòr ann an seo.

"Tha an t-àite air a dhol bhuaithe, 's chan ann nas fheàrr a tha e a' dol," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy