BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 26 An t-Iuchar, 2010 - Air fhoillseachadh aig 09:54 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Cead-ceangail do shia tuathan-gaoithe coimhearsnachd
 
Crainn-ghaoithe
Tha na sia sgeamaichean beaga gu bhith air feadh nan Eilean Siar
Tha sia tuathan-gaoithe coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar air cead fhaighinn ceangail ris a' Ghriod Nàiseanta.

Thèid 11 crann uile gu lèir a thogail eadar Gabhsann ann an Leòdhas, agus Bhatarsaigh.

Cosgaidh an leasachadh air fad còrr is £20m, agus tha dùil gun toir e suas ri £2.5m a-steach do na coimhearsnachdan gach bliadhna.

Tha dùil cuideachd gun cruthaich na sgeamaichean mu 100 cosnadh, a sheasas 25 bliadhna.

'S iad na sgeamaichean a th' ann, an sgeama a tha muinntir an Rubha a' dèanamh air Mòinteach Bharbhais; sgeama aig Stòras Uibhist; sgeama aig Urras Oighreachd Ghabhsainn; sgeama faisg air Siabost; sgeama ann an Tolastadh; agus sgeama ann am Barraigh is Bhatarsaigh.

Tha dùil gun tèid càbal mòr fon mhuir a chur a-steach eadar Leòdhas agus Ulapul an ceann mu thrì bliadhna.

Ach tha riaghailtean ùra aig a' bhuidhinn Ofgem, a' fàgail nach fheumte an càbal sin a chleachdadh airson na sgeamaichean beaga coimhearsnachd a cheangail ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha a' bhuidheann den bheachd gum biodh e sàbhailte gu leòr na sgeamaichean a cheangail ris a' Ghriod taobh a-staigh nan Eilean Siar fhèin.

Tha an naidheachd a' fàgail nach fheumadh Stòras Uibhist £15m a phàigheadh airson ceangail fon mhuir ris an Eilean Sgitheanach airson an sgeama acasan, mar a bha dùil.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy