Main content

Anne Lundon

Tha Anne Lundon air a bhith ag obair anns na meadhanan on a chrìochnaich i ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thogadh Anne faisg air Steòrnabhagh, air Eilean Leòdhais ach tha i a-nis suidhichte ann an Glaschu.

Tha eòlas aig Anne ann a bhith a’ preseantadh iomadh seòrsa prògram, bho phrògraman aotrom làn dibhearsain, gu sreathan mu dheidhinn coimhearsnachdan, agus spòrs - far an robh Anne ri fhaicinn tric ag aithris beò air ball-coise agus iomain airson BBC ALBA.

An neach-aithris as ùire san sgioba, tha Anne mar-thà gu math trang a’ siubhal air feadh na Roinn Eòrpa. Bidh Anne cuideachd ag aithris air seirbheis naidheachd a’ BhBC air telebhisean is rèidio.

Anne Lundon (English)

Anne Lundon has worked in media since she completed her degree in Gaelic from the University of Highlands and Islands.

Anne was brought up near Stornoway, on the Isle of Lewis but she is now based in Glasgow.

Anne has experience in presenting all types of programmes, from light entertainment, to series about communities, and sports – where Anne has often been seen live at the football and shinty for BBC ALBA.

The newest member of the team, Anne has already been busy travelling all over Europe. Anne also reports on BBC news on TV and radio.