
14/12/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 128
Duration: 06:00
Litir 128: Cùil Lodair
An t-seachdain sa chaidh dh’innis mi dhuibh mun chù a chaidh an sàs anns an spreadhadh nuair a chaidh seann chaisteal Inbhir Nis, Gearastan Deòrsa, a sgrios leis na Seumasaich. Dìreach dà mhìos as dèidh sin, chaidh sgrios a dhèanamh air na Seumasaich fhèin air blàr taobh a-muigh Inbhir Nis, faisg air baile beag le ainm a dh’fhàs gu math ainmeil – Cùil Lodair.
Bu mhath leam an t-seachdain seo sùil a thoirt, chan ann air a’ bhatail fhèin, ach air an ainm sin – Cùil Lodair. Dè tha e a’ ciallachadh agus carson is e Culloden a th’ air ann am Beurla, le “n” aig an deireadh, seach “r”?
Thathar a’ dèanamh dheth gur e a’ chiad phàirt dhen ainm “Cùil” a tha a’ ciallachadh nook is, gu dearbh, tha an eileamaid seo a’ nochdadh ann an ainmean-àite eile ann an sgìre Inbhir Nis agus anns an Eilean Dubh. Bha feadhainn dhen bheachd gur dòcha gur e “cùl” a bh’ ann o thùs, a’ ciallachadh back no at the back of ach, an-diugh, tha a’ chuid mhòr dhen bheachd gur e “cùil” a bh’ ann. Ach dè tha Lodair a’ ciallachadh?
Rinn mi beagan rannsachaidh agus cho fada air ais ’s a b’ urrainn dhomh lorg, ’s e Cùil Lodair a bh’ air an àite seo ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha “do Chuilodair” a’ nochdadh ann am pìos bàrdachd a sgrìobh am bàrd à Inbhir Nis, Coinneach MacCoinnich, a rugadh ann seachd deug, caogad ’s a h-ochd (1758). Agus sgrìobh am bàrd ainmeil à Srath Spè, Iain Ruadh Stiùbhart, a bh’ air a’ bhlàr air là a’ bhatail, dàn air an robh “Latha Chuilodair”. Bha Cuilodair air a litreachadh C-U-I-L-O-D-A-I-R. ’S e Culloden a bh’ air ann am Beurla aig an àm agus, mar sin, tha e follaiseach gu robh an diofar eadar an “n” agus an “r” air èirigh ro mheadhan an ochdamh linn deug.
Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, nochd an litreachadh F-H-O-D-A-I-R airson “fodar”. Cùil-Fhodair, the nook of the fodder. ’S e sin a bh’ aig Iain MacCoinnich anns an leabhar Ghàidhlig aige, “Eachdraidh a’ Phrionnsa” agus, airson greis, lean Gaidheil Inbhir Nis an dòigh smaoineachaidh sin. Gu dearbh, ’s ann mar sin a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran e na cuid bàrdachd. Ach tha a h-uile coltas ann gu robh iad ceàrr. Bha feadhainn eile ceàrr cuideachd, oir shaoil iadsan gu robh an dàrna pàirt dhen ainm a’ seasamh airson “oitir” no fiù ’s airson “Odin”, fear de sheann diathan pàganach nan Lochlannach!
Nuair a thèid sinn air ais cho fada ’s as urrainn ann an eachdraidh Inbhir Nis, agus a’ chuid a bu mhò dhith sgrìobhte ann am Beurla, ’s e Culloden, no rudeigin coltach ris a tha sinn a’ lorg. Ann an clàr a’ bhaile ann am meadhan an t-siathamh linn deug, chithear Cullodyn, le “yn” aig an deireadh. Gu h-annasach, oir ’s ann air an rathad eile a tha e mar as trice, ’s e an t-ainm Gàidhlig a th’ air atharrachadh, seach an t-ainm Beurla.
Ann an Srath Narainn, pìos beag a-mach à Inbhir Nis, tha àite ann air a bheil Achloddan ann am Beurla. ’S e sin Ach’ an Lodain – the field of the little pool. Tha lodan a’ ciallachadh little pool, bog no little marsh. Agus Culloden? Uill, ’s e Cùil Lodain a bh’ air ann an Gàidhlig bho thùs, rud a thuig na sgoilearan Gàidhlig anns an fhicheadamh linn. Cùil Lodain – the nook of the pool no nook of the marsh – ainm a tha gu math coltach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language