
24/12/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 286
Duration: 05:05
Litir 286: Mairead Fay Sheathach
Uaireannan bidh daoine a’ faighneachd dhiom – “a bheil seanfhacal ann a tha co-ionann ri leithid de sheanfacal ann am Beurla?” Uaireannan tha rudeigin ann, ach ’s ann tric nach eil co-ionannachd ann eadar an dà chànan san dòigh sin. Dh’fhaighnich cuideigin dhiom an robh fear ann a bha co-ionann ri “sticks and stones will break my bones but names will never harm me”. Agus an t-seachdain seo lorg mi fear a dh’fhaodadh a bhith a’ seasamh airson na h-aon smuain – cha dèanar cron air a’ ghealaich na coin a bhith comhartaich rithe. Faodaidh na coin comhartaich mar a thogras iad – cha chuir iad dragh sam bith air a’ ghealaich. Cha dèanar cron air a’ ghealaich na coin a bhith comhartaich rithe.
’S ann à Uibhist a Deas a tha an seanfhacal sin, agus lorg mi e ann an leabhar a chaidh a sgrìobhadh le boireannach a chaochail o chionn ghoirid aig aois mhòr. B’ ise Mairead Fay Sheathach, Margaret Fay Shaw, agus ’s e an t-ainm a th’ air an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist. Leabhar fìor mhath a th’ ann.
Bha Mairead a’ fuireach ann am baile beag air taobh a deas Loch Baghasdail eadar naoi ceud deug, fichead ’s a naoi (1929) agus naoi ceud deug, trithead ’s a còig (1935). Ghabh i gràdh mòr air na daoine ann a sin, agus dh’ionnsaich i tòrr bhuapa. Agus, ged a phòs i – Fear Chanaigh, Iain Latharna Caimbeul, agus ged a chaidh i a dh’fhuireach ann an Canaigh, cha do chaill i a gràdh do dh’Uibhist a Deas. Agus ’s ann ann a sin a chaidh a tiodhlacadh a rèir a h-iarrtais fhèin.
Is iomadh rud prìseil a th’ anns an leabhar – eadar òrain, seanfhaclan, stòiridhean is fiosrachadh air biadh is air dàthadh clò. Ach bu mhath leam sùil a thoirt air seann leigheas no dhà a chruinnich Mairead am measg muinntir Uibhist. Mar eisimpleir, seo mar a bha cuid a’ dèanamh leigheas air cluas ghoirt, ged a bu chòir dhomh ràdh nach eil mi a’ moladh gum feuch sibh seo aig an taigh: cuir bàirneach air an teine agus thoir dheth i nuair a thòisicheas an sùgh innte air goil. Nuair a tha an sùgh fionnar gu leòr ’s nach loisg e an t-euslainteach, doirt na chluais e agus, airson a chumail ann, dùin a’ chluas le pìos clòimhe anns a bheil an ola nàdarrach fhathast.
Agus seo agaibh leigheas airson stopadh. Bidh cuid eòlach air mar ceangailteachd-cuim no teannachadh – constipation ann am Beurla. Bha diofar leigheasan ann airson sin. Bhiodh feamainn ùr bhon chladach, air a gearradh ann am pìosan is air a h-ithe a’ dèanamh a’ ghnothaich air an stopadh. Bhitheadh, agus freumhaichean lusa ris an canar lus nan laogh no an trì-bhileach. Sin lus air a bheil bogbean ann am Beurla a tha a’ fàs ann am boglaichean. Bhiodh na daoine ga ghlanadh is ga ghoil ann an uisge fad là gus am biodh an sùgh dubh dorch is tiugh.
Bhiodh iad a’ sìoladh an t-sùgh’ agus dìreach làn spàin bheag dheth a thoirt don euslainteach oir tha e gu math cumhachdach, a rèir choltais.
Mus fhalbh mi an-diugh, bidh fios agaibh gur e a-màireach Là na Nollaige. Agus seo rann bho laoidh a bhiodh muinntir Uibhist a Deas is Eirisgeigh a’ gabhail air an oidhche seo fhèin mar phàirt dhen aifreann aig meadhan-oidhche. Fàgaidh mi le sin sibh, agus mi a’ guidhe deagh Nollaig dhuibh uile:
’S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt;
Bheir thu clann-daoin’ bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd is eòlas.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.