Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 296: A’ Bhanarach is am Mèirleach

Bu mhath leam tòiseachadh an t-seachdain seo le amaladh-cainnte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air “tongue twister” – amaladh-cainnte, agus tha iomadh dhiubh ann ann an Gàidhlig. Feuchaibh am fear seo: cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. A bheil sibh ga thuigs’? Feuchaibh a-rithist e – gu sgiobalta. Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar. Uill, rinn mi a’ chùis an ìre mhath...

Thàinig leabhar inntinneach a-mach an-uiridh anns a bheil naidheachdan is stòiridhean co-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd. ’S e an t-ainm a th’ air Recollections of an Argyllshire Drover and other West Highland Chronicles agus ’s e a th’ annta ach sgeulachdan is naidheachdan a chaidh a chruinneachadh le Eric Cregeen. Rinn Mairead Bennett obair deasachaidh air an leabhar – anns a bheil stòiridhean anns an dà chànan. ’S e fear de na daoine a thug sgeulachdan do Chregeen Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, no Dòmhnall Chaluim Bhàin, à Baile Phuill ann an Tiriodh. Tha mi cinnteach nach robh cus duilgheadais aige fhèin le amalaidhean-cainnte, co-dhiù a rèir cho sgiobalta ’s a bha eanchainn is a theanga le stòiridhean à beul-aithris.

Rugadh Dòmhnall ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) agus chuir e a’mhòr-chuid de bheatha seachad ann an Tiriodh fhèin, ach a-mhàin an ùine a bha e anns a’ Chabhlach Rìoghail sa Chogadh Mhòr. Gu dearbh, chuir e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha ann am Baile Phuill fhèin – “baile nam bàrd” mar a chanadh iad ris anns an naoidheamh linn deug. Bha athair, Calum Bàn, cuideachd ainmeil mar seanchaidh. Am measg na chruinnich dualchas bho Dhòmhnall, bha Calum MacIlleathain nach maireann, agus an t-Ollamh Iain MacAonghais.

B’ e tè de na sgeulachdan a dh’innis Dòmhnall “A’ Bhanarach agus am Mèirleach”. Seo pàirt dhith agus cumaidh mi gu math faisg air a’ chainnt aig Dòmhnall fhèin a tha cho brèagha is cho Tiristeach. “Aig an àm shònraichte a bha seothach, bhiodh iad a’ goid crodh air Diùc Earra-Ghàidheal. Agus thachair gu robh mo shinn-sinn-seanmhair [air an robh Seònaid], gu robh i na banaraich aig Diùc Earra-Ghàidheal. Chan fhanadh na gillean a dh’fhaire dè bha a’ gabhail àite, ach thuirt ise an oidhche seo – ’s e boireannach sgairteil a bh’ innte – ‘Fanaidh mise,’ ars’ ise, ‘a-nochd a dh’fhaire a’ chruidh ach dè chì mi.” Agus thilg i oirre am breacan agus rinn i air a’ bhàthaich.

Shuidh i fo cheann màirt. Cha robh i fada bho cheann a’ mhàirt nuair a thàinig na mèirlich – dithis – is bha iad a’ feuchainn a’ chruidh ach cò an fheadhainn a bu reamhra. Agus cà’ na chuir fear de na mèirlich a chorrag ach ann am beul na tè a bha fo cheann a’ mhairt. Agus nuair a fhuair i grèim air a chorraig, le aon snap thug i dheth bàrr na corraig. Theich na mèirlich. Agus anns a’ mhadainn nuair a bha a h-uile nì gu gasta, thuirt an Diùc rithe, ‘Ciamar a chaidh dhut a-raoir, a Sheònaid?’

‘Chaidh gu math,’ thuirt ise. ‘Sin agaibh pìos de mheur a’ mhèirlich agus faighibh fhèin a’ chòrr.’ Agus ’s e tuathanach nach robh brùideil fada air falbh a bha a’ goid a’ chruidh, chionn fhuaradh e. Cha b’ urrainn dha chorrag fhalach agus bha e air a bhrath. Bha sgonn eile dhen chorraig aig an Diùc. Uill, chan eil fhios agam an deach an duine sin a pheanasachadh. Tha mi cinnteach gun deachaidh.” Sin agaibh blasad dhen dualchas a chaidh a chruinneachadh bho Dhòmhnall Chaluim Bhàin – seanchaidh math dha-rìreabh.

Faclan na Litreach

amaladh-cainnte - tongue twister

Mac na Ceàrdaich - Sinclair

Baile Phuill - Balephuil

Tiriodh - Tiree

seanchaidh - storyteller

nach maireann - deceased

mo shinnsinn-seanmhair - my great-great-grandmother

breacan - tartan plaid.

Abairtean na Litreach

tha iomadh dhiubh ann: there are many of them; a bheil sibh ga thuigs’? (thuigsinn): do you understand it?; sgeulachdan is naidheachdan a chaidh a chruinneachadh le X: stories and anecdotes that were collected by X; nach robh cus duilgheadais aige fhèin: that he himself didn’t have too much difficulty; rinn X obair deasachaidh air an leabhar: X edited the book; chuir e seachad a’ mhòr-chuid de bheatha ann am X: he spent most of his life in X; mar a chanadh iad ris: as they called it; A’ Bhanarach agus am Mèirleach: The Dairymaid and the [Cattle]Thief; a tha cho brèagha is cho Tiristeach: which is so delightful and so Tiree-ish; chan fhanadh na gillean a dh’fhaire dè bha a’ gabhail àite: the boys would not stay to be on the lookout for what was happening; ’s e boireannach sgairteil a bh’ innte: she was a hardy, energetic woman; fanaidh mise a dh’fhaire a’ chruidh ach dè chì mi: I will stay to keep watch on the cattle to see what I [will] see; rinn i air a’ bhàthaich: she made for the byre; bha iad a’ feuchainn a’ chruidh ach cò an fheadhainn a bu reamhra: they were trying (feeling) the cattle to see which were the fattest ones; cà’ na chuir fear de na mèirlich a chorrag: where did one of the thieves put his finger; thug i dheth bàrr na corraig: she took off the top of the finger; nuair a bha a h-uile nì gu gasta: when everything was in good order; ciamar a chaidh dhut a-raoir, a Sheònaid?: how did you get on last night, Janet?; faighibh fhèin a’ chòrr: [you can] get the rest for yourself; chan eil fhios agam an deach X a pheanasachadh: I don’t know if X was punished; tha mi cinnteach gun deachaidh [dialectal form of deach]: I’m sure he was.

Puing-chànain na Litreach

Aig an àm shònraichte a bha seothach, bhiodh iad a’ goid

crodh air Diùc Earra-Ghàidheal: at this particular time, they would steal cattle from the Duke

of Argyll. I have just looked up seothach in the three most recently published Gaelic

dictionaries and none of them carries it. This is because it is a dialectal form of seo.

Nevertheless, it is met with quite frequently, not only in Tiree, but also in the most southerly of

the Western Isles. The “standard” form of the above sentence would be “aig an àm

shònraichte a bha seo, bhiodh...” The same applies to sin and siud – these also exist in the

dialectal forms sineach or shineach and siudach or shiudach. Don’t be fazed by such dialectal

variation – it is one of the joys of (any) language that not everybody speaks it in exactly the

same way.

Amaladh-cainnt na Litreach

Cha robh reithe leathann liath riamh reamhar: (lit.) there was never a broad grey ram that was fat. Of course, the sentence is nonsense – its only value is as a tongue-twister!

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast