Main content

Episode 17

Episode 17 of 21

Annabel Maclennan presents a look back at some of the stories that have featured in the current series of Eòrpa along with updates on recent developments.

Tha Annabel NicIllFhinnein a’ coimhead air ais air cuid de na sgeulachdan a nochd air Eòrpa thairis air an t-sreath-sa le iomradh air leasachaidhean a thàinig orra bhon chiad chraoladh. Am measg nan sgeulachdan bha molaidhean airson sgeama ceudachaidh airson sealg nan cearcan fraoich; plana airson port fànais ann an Cataibh; agus dìth thaigheadais aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar.

Annabel Maclennan presents a look back at some of the stories that have featured in the current series of Eòrpa along with updates on recent developments. Amongst the stories were controversial proposals to regulate grouse shooting, a dispute over plans for a spaceport in Sutherland and concerns at the lack of affordable housing in rural areas of the Western Isles.

26 days left to watch

29 minutes

Sùil air ais

Sùil air ais

Anns a' phrògram seo thathas a' coimhead air ais air cuid de na sgeulachdan a nochd air Eòrpa thairis air an t-sreath seo agus air dè thachair às dèidh a' chiad chraolaidh.

Anns an t-Samhain 2020 bha Alasdair Macleòid ag aithris air molaidhean airson sealg nan cearcan fraoiche a smachdachadh le sgeama ceadachaidh airson dìon a chur air eòin-creachaidh. Ach bha dragh ann gun toireadh sgeama mar seo droch bhuaidh air gnìomhachasan is coimhearsnachdan a bha an urra ri oighreachdan-seilg 'son an teachd a-steach. Cuideachd san t-Samhain dh'aithris Eòrpa air iarrtas bho eileanaich 'son taighean aig prìs reusanta ann an sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar.

Anns an Fhaoilleach 2021 bha Annabel NicIllFhinnein ag aithris air plana connspaideach airson port fànais a thogail ann an Cataibh. Chaidh cead dealbhachaidh a thoirt seachad agus bha croitearan na sgìre taiceil, ach bha cuid eile na aghaidh air sgàth draghan mun bhuaidh air an àrainneachd.

Anns a' Ghearran bha Andreas Wolff ag aithris air mar a bhathar air mullach a chur air màl thaighean ann am Berlin ann an oidhirp smachd a chumail air prìsean agus bha Angela Nic'Illeathain a' rannsachadh mar a thathar ag amas air seirbhisean-iùil puirt-adhair air Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a tharraing ri chèile ann an Inbhir Nis.

Anns a' Mhàirt bha Màiri Rodgers a' toirt sùil air sgaradh bheachdan mun dòigh as fheàrr air iasgach cladaich air taobh siar na h-Alba a làimhseachadh.

Review

Review

This programme looks back at some of the stories featured in Eòrpa over the last six months with updates on what happened after first broadcast.

In November 2020 Alasdair Macleod reported on proposals to licence grouse shooting on Scottish estates in a bid to combat the illegal killing of birds of prey and make the activity more sustainable. There were concerns as to the impact of such a scheme on the livelihoods of shooting estates and the communities that depend on them. Also in November, Eòrpa reported on a campaign for more affordable housing in west coast island communities.

In January 2021 Annabel Maclennan reported on a controversial proposal for a space port in Sutherland. It had been given the go-ahead and also has the support of local crofters but others are concerned about the project's potential impact on an environmentally important area and it has become the subject of a judicial review.

In February Andreas Wolff was in Germany investigating the impact of the Berlin city government’s cap on rents for housing, and Angela Maclean reported on controversial moves to centralise air traffic control services in the Highlands and Islands. The body implementing the changes say they are essential for the modernisation of the service but local communities fear the loss of skilled jobs.

Finally, in March, Mairi Rodgers reported on competing views on how best to manage the inshore fisheries of the west coast of Scotland.

Broadcasts

BBC Naidheachdan

BBC Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon BhBC