Main content

Iain Moireasdan, Eaglais Shaor Ros Cuithne

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ri Iain Moireasdan bho Eaglais Shaor Ros Cuithne. Gaelic service conducted by Iain Morrison, Rosskeen Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabosd.
Salm 23: 3-4 air fonn Bedford agus ‘s e Dòmhnall Crichton a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha
Salm 37: 23-24 air fonn Moravia agus ‘s e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.

Leughadh: 1 Rìghrean 19: 1-13
Ceann-teagaisg: 1 Rìghrean 19: 9

Rugadh Iain Moireasdan ann an Dùn Èideann, 's bha athair às na Hearadh agus a mhàthair à Leòdhas ach chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail agus b ‘ann nuair a bha e an sin a thàinig atharrachadh na bheatha aig aois sia deug nuair a bha dùsgadh spioradail ann an 1978.

Chaidh Iain gu Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann agus Colaiste Mhoireibh agus thug e a-mach dreuchd neach-teagasg ann an matamataig agus coimpiutaireachd. Bha e a’ teagasg airson deich bliadhna fichead, a' chiad obair aige ann an Acadamaidh Pheairt agus thill e air ais a Leòdhas a phòsadh ann an 1986. Fhuair e obair ann an Sgoil MhicNeacail far an robh e gu 2012. Chur e seachad dà bhliadhna aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar agus ann an 2014 chaidh e gu Seamanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann agus cheumnaich e ann an 2017. Tha Iain an-diugh na neach-taic ann an coitheanal Eaglais Shaor Ros Cuithne.
Tha triùir a theaghlach aige, dithis ghillean agus nighean agus nuair a gheibh e ùine dha fhèin is caomh leis a bhith a' leughadh, a’ dèanamh beagan DIY agus àirneis agus a’ togail dheilbh.

2 days left to listen

30 minutes

Iain Moireasdan, Eaglais Shaor Ros Cuithne

Iain Moireasdan, Eaglais Shaor Ros Cuithne

Broadcasts

  • Sun 1 Nov 2020 09:00
  • Sun 1 Nov 2020 15:00