Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Geamhradh/Winter

Episode 12 of 13

Sealladh sònraichte eireachdail de bheatha nan eileanach tron gheamhradh. A unique filmic glimpse into the lives of islanders inspired by winter.

Sealladh sònraichte eireachdail de bheatha nan eileanach tron gheamhradh ann an aon de na coimhearsnachdan as fhaide tuath ann am Breatainn. Tha na h-oidhcheannan dorcha air fàire, tha na gleocaichean a’ dol air ais, agus leis an t-seann chleachdadh, Samhain a’ comharrachadh deireadh an Fhoghair, tha an geamhradh anns na h-Eileanan an Iar a’ tòiseachadh.

A-muigh an seo, far a bheil na bailtean ìosal a’ sgaradh na mara agus na h-àrainneachd, tha an seusan dorcha a’ sònrachadh agus a’ soillearachadh na tìre agus beatha dhaoine. Faodaidh e a bhith cruaidh agus leantainneach. Chan e a h-uile duine a sheasadh ris, ach dha cuid eile a tha a’ fuireach an seo, tha an geamhradh a’ tighinn le a sholas fhèin - àm airson a bhith cruthachail; àm a tha prìseil. Tha am prògram seo a’ leantainn luchd-ealain, bàird, daoine a tha dèidheil air an àrainneachd, agus caractaran eile is iad beò tro geamhradh anns na h-Eileanan an Iar.

A unique filmic glimpse into the lives of islanders inspired by winter in one of Britain’s most northern communities. The nights draw in, the clocks fall back and as the ancient custom of Samhain signals Harvest’s close, winter, in the Outer Hebrides, arrives.

Out here, where low-slung villages link wilderness and sea, the dark season throws landscape and life, and their many textures, into sharper focus. It can be harsh and it is always long. Many would never endure it, but for some who live here, winter brings its own light - a time of creativity, to be cherished. This programme falls into step with artists, poets, wilderness lovers and more as they navigate their own versions of winter in this island outpost.

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Last on

Tue 27 Oct 2020 22:00

Broadcasts