Main content

Episode 10

Episode 10 of 18

Now that the UK has left the European Union, EU nationals must apply for settled status to continue living in the UK. Glasgow's Roma population face tough challenges in securing settled status.

Leis gu bheil Breatann air an t-Aonadh Eòrpach fhàgail feumaidh saoranaich an EU inbhe stèidhichte fhaighinn gus fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Niall O‘ Gallagher ann an Glaschu, far a bheil coimhearsnachd mhòr de mhuinntir Roma a bhuinneas do thaobh sear na Roinn Eòrpa, agus ag aithris air mar a tha am pròiseas gus an inbhe sin fhaighinn na dhùbhlan dhaibh.

Tha Annabel NicIllFhinnein ag aithris à Marseille, san Fhraing, mu iomairt shònraichte le màthraichean anns na sgìrean bochda air ceann a‘ tuath a bhaile. Tha iad airson gun gabh cuid de na milleanan de iùrothan air an toir ùghdarrasan na Frainge an greim bho bhuidhnean eucoir a chleachdadh airson pròiseactan sòisealta gus an òigridh aca a chumail air falbh bho eucoir eagraichte.

Now that the UK has left the European Union, EU nationals must apply for settled status to continue living in the United Kingdom. Glasgow has a large Roma population from eastern Europe and, as Niall O’ Gallagher reports, they face particular challenges in securing settled status.

Annabel Maclennan is in Marseille, France, reporting on a campaign by mothers in the deprived northern district of the city to channel some of the millions of euros confiscated by the French police from criminal gangs each year into social projects to help prevent local young people from getting involved in organised crime.

In Gaelic with English subtitles

18 days left to watch

28 minutes

Last on

Sun 16 Feb 2020 20:00

Suidheachadh nan Roma ann an Cnoc a' Ghobhainn

Suidheachadh nan Roma ann an Cnoc a' Ghobhainn
Tha Cnoc a' Ghobhainn ann an Glaschu na dhachaigh do shluagh mòr Roma a bhuineas ri taobh sear na Roinn Eòrpa. Às dèidh do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail feumaidh saoranaich an Aonaidh Eòrpaich inbhe stèidhichte a chosnadh gus fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte. Ach tha pròiseas na h-inbhe stèidhichte a' cur dùbhlain ro chuid anns a' choimhearsnachd Roma. Tha cion foghlaim, gainne dearbhadh aithne agus obair neo-oifigeil uile ga fhàgail doirbh do mhòran inbhe stèidhichte fhaighinn. Airson Eòrpa, bhruidhinn Niall O'Gallagher ri Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte – a tha calg-dìreach an aghaidh a chèile air a' chùis – agus ri buill na coimhearsnachd fhèin mu na draghan a tha aca agus a' mhiann a tha aca fuireach ann an Alba.

The challenges faced by Govanhill's Roma community

Govanhill in Glasgow is home to large community of Eastern-European Roma. Now that Britain has left the European Union, EU citizens have to apply for Settled Status to remain in the United Kingdom. But the process poses challenges for some in the Roma community. Lack of literacy, proof of identity and undocumented employment can make it difficult for many to achieve Settled Status. For Eòrpa Niall O'Gallagher speaks to the Scottish and UK governments – who are sharply opposed on the issue – and to members of the Roma community themselves about their concerns and the wish that many have to remain in Scotland.

Iarrtas airson roinn de dh'airgead nam buidhnean eucoir ann am Marseille

Iarrtas airson roinn de dh'airgead nam buidhnean eucoir ann am Marseille
Thairis air naoi bliadhna, chaidh timcheall air billean iùro a thoirt bho bhuidhnean eucoir san Fhraing agus a chuir a bhuidseat na stàite. Ann am Marseille, anns na sgìrean as truaighe san dùthaich, tha buidheann de bhoireannaich air iomairt a thòiseachadh agus iad airson 's gun toir an riaghaltas roinn den airgead sin dhaibhsan gus an tèid a chleachdadh airson na coimhearsnachdan aca a leasachadh. Tha Annabel NicIllFhinnein a' rannsachadh na h-iomairt agus na trioblaidean a th' aca anns na sgìrean seo.

Bid for access to seized gang money in Marseille

Over a nine year period around one billion euros have been confiscated from criminal gangs in France and transferred into state funds. In Marseille, in some of the poorest districts in the country, a group of women have begun a campaign aimed at getting  access to some of this money so they can spend it on projects to improve their communities. Annabel Maclennan reports on their plans and on the problems faced by these communities.

Broadcasts

BBC Naidheachdan

BBC Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon BhBC