Main content
Sorry, this episode is not currently available

Niall Aonghas Dòmhnallach à Barraigh

Episode 2 of 6

Sgeulachd a' phìobaire Niall Aonghas Dòmhnallach à Barraigh. Jo MacDonald profiles the piper Neil Angus MacDonald from Barra.

B’ ann à Barraigh a bha Niall Aonghas Dòmhnallach. Tidsear, ceannard-sgoile, agus pìobaire a shaothraich gu dìcheallach airson piseach a thoirt air saoghal na pìobaireachd, gu h-àraid ann an Inbhir Nis.
Bha e a’ teagasg an toiseach ann an Sgoil Eòlaigearraidh agus an uairsin ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil mus do ghluais e le theaghlach a dh’ Inbhir Nis far an robh e na cheannard air Sgoil St Mary’s.
Bha e an sàs anns an iomairt airson gum biodh deuchainnean pìobaireachd aig ìre 'O-Grade' ri fhaotainn anns na sgoiltean agus nuair a chaidh an deuchainn a stèidheachadh bha e fhèin na fhear-sgrùdaidh orra.
Bha e an sàs ann an Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus chiadh bonn Benemerenti a bhuileachadh airson na rinn e airson an eaglais Chaitligeach.
Rinn e iomadh port agus dh’fhoillsich e leabhar air an tug e mar ainm The New Bagpipe Collection of Old and Traditional Settings Together with New Compositions.

30 minutes

Broadcasts