Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1069

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1069. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Clip

Litir 1069: Briathrachas Seòlaidh

ʼS fhìor thoigh leam seòladh, gu h-àraidh eadar na lochan-mara agus na h-eileanan air taobh an iar na Gàidhealtachd. Airson sgilean seòlaidh ionnsachadh, rinn mi grunn chùrsaichean fo sgèith Comann Rìoghail na Luingearachd – ‘neach-sgioba comasach’ agus ‘sgiobair-latha’ is mar sin air adhart. Agus, mar a thuigeas sibh, ʼs ann ann am Beurla a bha an t-oideachadh air fad. Mar sin, chan eil mi cho fileanta ann an cànan is briathrachas seòlaidh ann an Gàidhlig ʼs a bu mhath leam a bhith.

An latha eile, ge-tà, thàinig mi tarsainn air abairtean feumail ann an leabhran a thug m’ athair dhomh – The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases – a nochd ann an clò o chionn còrr math is ceud bliadhna. Bha e air a chur ri chèile le Màiri NicEalair à Loch Abar, bana-Ghàidheal chliùiteach a bha na bàrd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Sgrìobh mi mu Mhàiri ann an Litir 76. 

Bha an leabhran – a tha ri fhaighinn cuideachd air an eadar-lìon – airson luchd-turais a bha a’ tighinn don Ghàidhealtachd airson spòrs air a’ bhlàr a-muigh. Aig an àm sin, bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gàidhealach gun Bheurla, agus bhiodh an luchd-turais – no feadhainn aca – ag ionnsachadh abairtean Gàidhlig airson bruidhinn riutha.

Agus seo cuid de na h-abairtean a thagh Màiri airson an leabhrain. Mach am bàta. Out with the boat. Mach am bàta. Suas an seòl. Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir. 

ʼS e sgòd a chanas sinn ri ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh. Thàinig am facal on t-Seann Lochlannais. Ann am Beurla, ʼs e sheet a chanas sinn. Airson ‘haul the sheet’, canaidh sinn ‘tarraing an sgòd’ ann an Gàidhlig. Tarraing an sgòd. Tarraing teann e ‘haul it taught’. Tarraing teann e. Lasaich e ‘slacken it’. Lasaich e. Bi ealamh ‘be quick’. Bi ealamh.

Tha briathrachas a bharrachd mu a leithid ann am Faclair Dwelly. Mar eisimpleir – sgòd an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’, sgòd an t-siùil-spreòidjibsheet’ agus sgòd an t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.

Airson ‘down with the sail’, tha Màiri ag innse dhuinn gu sìmplidh ‘Nuas an seòl’. Chan eil i ag innse dhuinn dè a’ Ghàidhlig a th’ air halyard, ròp leis am bithear a’ togail no a’ leagail seòl. Tha Dwelly ag innse dhuinn gur e tarraing a th’ ann; tarraing an t-siùil thoisich ‘foresail halyard’. An àite a bhith ag ràdh ‘Tarraing an tarraing’ airson ‘haul on the halyard’, ge-tà, bhiodh e na bu choltaiche gun canamaid ‘suas an seòl’ no ‘tog an seòl’ airson ‘raise the sail’, agus ‘nuas an seòl’ no ‘leag an seòl’ airson ‘drop the sail’.

Ma dh’fhalbhas a’ ghaoth, ma dh’fhàsas i ro chiùin airson seòladh, seo sreath abairtean bhon leabhran a dh’fhaodadh a bhith feumail: Nuas an seòl. Dh’fhalbh a’ ghaoth. Mach na ràimh. Iomraibh, ʼillean gasta. Sin sibh fhèin, ʼillean. Is math a rinn sibh. Fhuair sinn latha math. Cadal math dhuibh!

Chan eil guth air ‘outboard motor’ anns na h-abairtean, ach tuigidh sibh carson. Cha robh a leithid ann aig an àm sin. Nam falbhadh a’ ghaoth, cha bhiodh cothrom air. Dh’fheumadh sibh – no na gillean air an oighreachd – na ràimh a thoirt a-mach agus am bàta iomradh gu tìr.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: oideachadh: instruction; briathrachas: vocabulary; Seann Lochlannais: Old Norse

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ʼS fhìor thoigh leam seòladh: I love sailing; airson sgilean seòlaidh ionnsachadh: to learn sailing skills; fo sgèith Comann Rìoghail na Luingearachd: under the auspices of the Royal Yachting Association; ‘neach-sgioba comasach’ agus ‘sgiobair-latha’ is mar sin air adhart: ‘competent crew’ and ‘day-skipperand the like; a nochd ann an clò o chionn còrr math is ceud bliadhna: which appeared in print well over a hundred years ago; air a chur ri chèile le Màiri NicEalair à Loch Abar: put together by Mary MacKellar from Lochaber; spòrs air a’ bhlàr a-muigh: outdoor pursuits; bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gàidhealach gun Bheurla: many of the workers on Highland estates had no English; ʼs e sgòd a chanas sinn airson ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh: we call a rope that pulls on a sail to tighten or slacken it a ‘sheet’; ròp leis am bithear a’ togail no a’ leagail seòl: a rope with which a sail is raised or lowered; bhiodh e na bu choltaiche gun canamaid: it would be more likely that we would say; ma dh’fhalbhas a’ ghaoth: if the wind drops; ma dh’fhàsas i ro chiùin airson seòladh: if it gets too calm to sail; mach na ràimh: out with the oars; iomraibh, ʼillean gasta: row, [my] good lads; sin sibh fhèin, ʼillean: that’s you, my lads (you’re doing well); is math a rinn sibh: you did well; fhuair sinn latha math: we had a fine day; cadal math dhuibh: may you sleep soundly; chan eil guth air: there is no mention of.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: sgòd an t-siùil-spreòid: jibsheet. This might seem an inappropriate name for a jibsheet in modern yachts but it is based on the old style of sailing boat which carried a spreòd, ‘bowspritprojecting from the bow in order to maximise sail area. A jib is a seòl-spreòid. Even without a spreòd, the nomenclature is retained. An alternative is seòl-toisich ‘foresailwhich includes genoas and other foresails. Dwelly doesn’t give us the Gaelic for ‘spinnaker’ – do any of our readers know it? Note also that many Gaels today would use the loanword hailleard for a halyard.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Nam falbhadh a’ ghaoth, cha bhiodh cothrom air: if the wind dropped, there was no alternative.

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast