Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1063

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1063. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

26 days left to listen

5 minutes

Clip

Litir 1063: Eilean Mhàrtainn

O chionn ghoirid, chaidh mi a-null a dh’Eilean Mhàrtainn airson a’ chiad turais riamh. A bheil sibh eòlach air Eilean Mhàrtainn? No Isle Martin, mar a chanar ris ann am Beurla. Tha e aig beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul. Bidh cuid ga ghabhail a-steach anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’. Ach, leis an fhìrinn innse, tha Eilean Mhàrtainn pìos beag air falbh bho na h-Eileanan Samhraidh mar a tha cuid gan aithneachadh.

ʼS e eilean beag a th’ ann, timcheall air mìle ann am fad agus leud. Tha an ceann a tuath creagach agus garbh. ʼS ann sa cheann a deas, far a bheil beagan talamh torrach, a bha an sluagh a’ fuireach – aig aon àm. Chan eil duine a’ fuireach anns an eilean an-diugh.

Chaidh mise a-null ann am bàta, a th’ air a ruith le Urras Eilein Mhàrtainn. ʼS ann ann an làmhan an urrais – urras coimhearsnachd – a tha an t-eilean an-diugh. 

Mu choinneimh an eilein, air tìr-mòr, tha baile beag ris an canar Àird Mhèara. ʼS ann às a sin a bhios am bàta a’ falbh. Aig àm an làin, tha an caolas a’ coimhead car mòr, ach tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir a dh’ionnsaigh Eilein Mhàrtainn. Aig ìsle-mhara, chan eil an caolas ach beag. ʼS e Àird na h-Èighe a chanas daoine ris a’ ghob-rubha, oir bhiodh daoine ag èigheachd a-null don eilean airson bàt’-aiseig anns an t-seann aimsir. 

Bhiodh corra duine, ge-tà, a’ snàmh a-null don eilean. A rèir aithris, bha aon duine, a bha ag obair anns a’ mhuileann san eilean anns na ceathradan, ach a bha a’ fuireach air tìr-mòr, a’ snàmh a-null ʼs a-nall gach latha.

Chan eil fios le cinnt cò am Màrtainn anns an ainm. ʼS dòcha Naomh Màrtainn à Tours. Tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein – seòrsa a bha ʼs dòcha ceangailte ris an Eaglais Cheiltich uaireigin, ach tha cumadh na croise car annasach. 

Anns an ochdamh linn deug, bha iasgach an sgadain mòr anns an sgìre. Chaidh taigh-giollachd a leasachadh ann an Eilean Mhàrtainn. Bhathar a’ dèanamh dà sheòrsa sgadain ann – sgadain bhàna a bh’ air an cur amh ann an salann, agus sgadain dearga a bh’ air an smocadh anns an eilean. 

Tro bhliadhnaichean an Dàrna Cogaidh, bha muileann stèidhichte ann, far an robhar a’ dèanamh min-fhlùr. Bha a’ chuid a bu mhotha dhen luchd-obrach a’ fuireach air tìr-mòr. Chaidh am muileann a dhùnadh ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a h-ochd (1948).

Bho na seasgadan dhen fhicheadamh linn (1960s) a-mach, tha Eilean Mhàrtainn air a bhith ann an làmhan uachdaran prìobhaideach agus – cuideachd – Comann Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB. Thug an RSPB seachad e don urras – an-asgaidh – o chionn fichead bliadhna.

Ach chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh ann. Faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann.

Mus fhalbh mi, tha mi airson ceist a chur oirbh. Dè an dà thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhàrtainn a’ còmhdachadh nam ballachan? Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Urras Eilein Mhàrtainn: The Isle Martin Trust; Àird Mhèara: Ardmair; àm an làin: high tide; tìr-mòr: the mainland; taigh-giollachd: processing facility; min-fhlùr: flour; an-asgaidh: free of charge.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: a-null a dh’Eilean Mhàrtainn airson a’ chiad turais riamh: over to Isle Martin for the first time ever; beul Loch a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul: the mouth of Loch Broom in Wester Ross, a few miles north of Ullapool; anns a’ chròileagan eileanan ris an canar ‘Na h-Eileanan Samhraidh’: in the group of islands called ‘The Summer Isles’; mar a tha cuid gan aithneachadh: as some recognise them; mìle ann am fad agus leud: a mile in length and width; tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir: a shingle spit sticks out into the sea; ag èigheachd a-null don eilean airson bàt’-aiseig: shouting over to the island for a ferry; bhiodh corra duine a’ snàmh a-null: the odd person would swim over; tha seann riochdan air an ainm nach eil buileach co-ionann ri: there are old forms of the name that aren’t quite equivalent to; tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein: there is a really old cross in the island’s cemetery; sgadain bhàna a bh’ air an cur amh ann an salann: white herring that were put raw in salt; sgadain dearga a bh’ air an smocadh: red herring that were smoked; ann an làmhan uachdaran prìobhaideach: in the hands of private landlords; chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh: the islanders are not entirely forgotten; faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’ fuireach ann: one can learn in a small museum about the families who were living there; dà thogalach ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhàrtainn a’ còmhdachadh nam ballachan: two buildings in Stornoway in which stones from a quarry on Isle Martin are covering the walls.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: far a bheil beagan talamh torrach: where there is a little fertile land. Beagan, as a noun of quantity, commands a further noun in the genitive, so we would say beagan talmhainn, using the gentive form of talamh. However, the presence of the adjective, certainly in modern Gaelic, tends to quash the genitivisation in such phrases (where there is no genitive article), so we get beagan talamh torrach, with talamh (and accompanying adjective) in its nominative form.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ snàmh a-null ʼs a-nall gach latha: swimming over and back every day.

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast