Main content

An Litir Bheag 747

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 747. Roddy Maclean is back with this week's short letter for Gàidhlig learners.

16 days left to listen

3 minutes

Clip

An Litir Bheag 747

Seo agaibh naidheachd à Ceap Breatainn – ‘An Oidhche a bha i a’ Sileadh na Lite’.

Bha banntrach ann. Bha mac aice. ʼS e leth-ghloic a bha ann. Chaidh e gu margaidh le mart.

Thachair e ri fear. ‘Dè tha thu ag iarraidh air a’ mhart?’ thuirt am fear.

‘O,’ ars an gille, ‘tha mi ag iarraidh rudeigin.’

‘Fosgail do làmh, ma-thà,’ ars am fear eile. Thilg e smugaid na làimh. ‘Seo rudeigin,’ thuirt e.

‘Agus seo am mart,’ fhreagair an leth-ghloic. Chùm e a dhòrn dùinte oir ʼs ann an sin a bha an ‘rudeigin’.

Air an rathad dhachaigh, bha e a’ dol tarsainn allt. Shleamhnaich e. Dh’fhosgail e a làmh agus dh’fhalbh an smugaid. Thòisich e air rùrach, feuch am faigheadh e i. Thàinig ceannaiche-paca, no mar a chanadh iad ann am Beurla, peddlar.

‘Dè tha thu a’ dèanamh?’ thuirt am peddlar.

‘Tha mi a’ coimhead airson rudeigin,’ ars an gille.

Shleamhnaich am peddlar air na clachan cuideachd. ‘O, seo rudeigin,’ thuirt e gu h-aotrom.

‘Lorg thu mo rudeigin?’ thuirt an gille.

‘Cha do lorg,’ fhreagair am peddlar.

Bha an gille deimhinne gun do lorg am peddlar an ‘rudeigin’ aige. Mharbh an gille am peddlar. Thiodhlaic e a chorp. Thill e dhachaigh. 

Fhuair a mhàthair a-mach dè bha air tachairt. Dh’iarr i air a mac norrag a ghabhail. Rinn i lite agus chrath i i taobh a-muigh an taighe.

Dh’èirich an gille. ‘Tha i a’ sileadh lite,’ thuirt e.

‘O coma leat,’ ars a mhàthair.

Nise, bha reithe aice. ʼS e ‘Peddlar’ an t-ainm a bha air. Thug i an reithe don t-sloc far an robh corp a’ cheannaiche. Mharbh i an reithe. Chuir i a chlosach anns an t-sloc. Ghluais i corp an duine gu àite eile.

Thàinig dithis phoileas don taigh. Dh’fhaighnich iad dhen ghille am fac’ e ‘peddlar’.

‘O,’ ars an leth-ghloic, ‘mharbh mi e.’

‘Cuin a bha sin?’ dh’fhaighnich iad.

‘An oidhche a bha i a’ sileadh na lite,’ fhreagair an gille.

Bha na poilis dhen bheachd gur e gloic a bh’ ann. Agus, nuair a thug iad sùil air an àite-thiodhlacaidh, lorg iad reithe seach duine!

The Little Letter 747

Here is a short story from Cape Breton [Island, Nova Scotia] – ‘the night it rained porridge’.

There was a widow. She had a son. He was a half-wit. He went to market with a cow.

He met a man. ‘What do you want for the cow?’ said the man.

‘Oh,’ said the lad, ‘I want something.’

‘Open your hand, then,’ said the other man. He spat in his hand. ‘Here’s something,’ he said.

‘And here is the cow,’ replied the half-wit. He kept his fist closed because that’s where the ‘something’ was.

On the way home, he was going across a burn. He slipped. He opened his hand and the spit disappeared. He started to search around to see if he could find it. A pack-merchant, or as they would say in English a ‘peddlar’, came.

‘What are you doing?’ said the peddlar.

‘I’m looking for something,’ said the lad.

The peddlar slipped on the stones as well. ‘Oh, there’s something,’ he said lightly.

‘You’ve found my something?’ said the lad.

‘No,’ replied the peddlar.

The lad was certain that the peddlar had found his ‘something’. The lad killed the peddlar. He buried his body. He returned home.

His mother found out what had happened. She asked her son to take a nap. She made porridge and she shook it [around] outside the house.

The lad rose. ‘It’s raining porridge,’ he said.

‘Never mind,’ said the mother.

Now, she had a ram. Its name was ‘Peddlar’. She took the ram to the pit where the peddlar’s body was. She killed the ram. She put its carcase in the pit. She moved the man’s body to another place.

Two policemen came to the house. They asked the lad if he had seen a peddlar.

‘Oh,’ said the half-wit, ‘I killed him.’

‘When was that?’ they asked.

‘The night it rained porridge,’ the lad replied.

The police reckoned he was a fool. And, when they examined the burial place, they found a ram rather than a man!

Broadcast

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast