Main content

Rose Reilly

The incredible story of Rose Reilly from Ayrshire, who became a feminist icon, and whose tenacity and talent paved the way for women in football.

Anns na 70an, dh’fhàg Rose Reilly, aois 17 Siorrachd Adhair ‘si a’ sireadh cothrom ball-coise a chluiche gu proifeiseanta. Bhuinnig i Cupa na Cruinne a’ cluiche dhan Eadailt ann an 1984, agus chaidh a h-ainm a chur air adhart airson duais a’ chluicheadair ball-coise boireann as fheàrr air an t-saoghal. Choilean Rose na bha i ag iarraidh a dh’aindheoin’s gun robh i air a casg bho bhith a’ cluiche airson Alba. Tha ‘Rose Reilly’ ag innse sgeulachd beatha boireannach iongantach a bha daingeann, làidir agus tàlanta, feartan a chuidich i ann a bhith a’ faighinn seachad air leth-bhreith agus neo-ionnanachd, agus a chomharraich an t-slighe airson boireannaich eile ann am ball-coise.

In the 1970s, 17-year-old Rose Reilly left Ayrshire, determined to realise her dream to play professional football. A World Cup winner in 1984 for Italy and named the best female footballer in the world in the same year, she made her dreams a reality. Rose Reilly is the incredible story of a feminist icon whose tenacity and talent paved the way for women in football.

In Gaelic with English subtitles

25 days left to watch

1 hour, 22 minutes

Last on

Wednesday 22:35

Ailig O’Henley - Preseantair

Ailig O’Henley - Preseantair
Tha Ailig O’Henley à Uibhist a Deas air a bhith ag obair mar neach-naidheachd Albannach airson UEFA bho 2004. Bhon uair sin, tha e air a bhith mar phàirt dhen sgioba-naidheachd aca aig farpaisean EURO 2004, 2008 agus 2012; a thuilleadh air a bhith ag aithris air farpaisean Eòrpach eile, leithid an Champions League agus Europa League, an dà chuid an seo an Alba agus ann an Sasainn. Cluinnear Ailig gu tric ag aithris air ball-coise na h-Alba is na Roinn Eòrpa airson BBC Radio nan Gàidheal agus cuideachd mar neach-aithris agus eòlaiche airson na geamaichan SPFL is eile aig BBC ALBA.

Alex O’Henley from South Uist has been UEFA’s Scottish Football Correspondent since 2004. Since then, he’s been part of their reporting team at the EURO 2004, 2008 and 2012 European Championship finals; as well as following the fortunes of domestic clubs in the Champions League and Europa League competitions. Here in Scotland, Alex is a regular contributor to BBC Radio nan Gàidheal on Scottish and European football issues and is also a commentator and summariser for BBC ALBA’s SPFL match coverage.

Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche

Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche
'S e Stiùiriche a th’ ann a Margot McCuaig agus tha i air duaisean a chosnadh airson am Prògram Spòrs is Fheàrr aig an Royal Television Society (RTS) ann an Alba le fiolmaichean air Jock Stein agus Jim Baxter – prògraman a chaidh an riochdachadh le purpleTV airson BBC ALBA. 'S i cuideachd a stiùir na prògraman Gothenberg 83 agus Tartan Pride, a fhuair gu geàrr-liosta dhuaisean an RTS, agus am fiolm Jimmy Johnstone a chaidh a mholadh airson torc umhach aig Fèis nam Meadhanan Cèilteach ann an 2017. Buinnidh Margot do dh’Eilean Reachraidh agus Glaschu, agus is i na riochdaire, sgrìobhadair agus stiùiriche air Rose Reilly.

Margot McCuaig is the award-winning director of the RTS Best Sport Programme films Jock Stein and Jim Baxter, produced by purpleTV for BBC ALBA. She also directed the RTS shortlisted Gothenburg 83 and Tartan Pride films, and the feature-length Jimmy Johnstone film, nominated for a Bronze Torc for Excellence at the Celtic Media Festival is 2017. Margot, from Glasgow and Rathlin Island, is the producer, writer and director of Rose Reilly.

Broadcasts

Gallery