Main content
Sorry, this episode is not currently available

Laithean Sgoile - An Rum Mor/Schooldays - The Big Room

Tha an sreath a’ leantainn agus na sgoilearan a’ cuimhneachadh air beatha san rùm mhòr. The nostalgic mini-series continues with a pupils recalling graduating to the ‘big room’.

Tha an sreath a’ leantainn le sùil bhlàth, aotrom air na làithean as fheàrr na ur beatha. Tro sgeulachd agus cuimhneachain sònraichte tha sinn a’ gabhail cuairt bhon chiad làithean sa bhun-sgoil agus na làithean “Buidhe Bealltainn” sin, agus an uairsin gu saoghal eadar-dhealaichte na h-àrd-sgoile – agus fìor thoiseach tòiseachaidh saoghal ùr nan inbheach.

Tha an darna prògram-san t-sreath de thrì a’ dèanamh air an rùm mhòr agus ur cuid aoighean a’ cuimhneachadh air an là a ghluais iad gu bhith nan fheadhainn mhòra sa bhun-sgoil. Na chois bha uallach ùr, rùm ùr agus tidsear ùr. Bhathair a’ sùileachadh cuideachd gum biodh iad gan giùlain fhèin gu cothromach, no gheibheadh iad am mì-shealbh!

Tha sinn cuideachd a’ toirt sùil air ais air mar a bha cùisean as dèidh a’ chogaidh anns a’ chlas, agus na sgoilearan bho shean a’ meòrachadh air an t-saoghal ùr a bha air am beulaibh ‘s iad a-nise san rùm mhòr. A bharrachd air an sin ‘s iomadh cuimhne togarrach a th’ann air an là spòrs, an raon-cluiche agus saoghal eagalach nan deuchainn!

Làithean Sgoile – sreath shònraichte, a thogas cuimhne tharraingeach, shona – mar as trice!

Conitinuing the nostalgic mini-series with a light-hearted look back at the best days of our lives.

Through story and anecdote we take a journey from the first days at primary school, right through to the very different world of high school, and the beginning of adult life.

This episode sees us head for the ‘big room’, as our contributors recall the day when they became the "big ones" at their primary school. It meant changing rooms, and new teachers.
With it came an expectation of behaviour, or punishment if that wasn’t the case!

As well as memories of the classroom conditions, and exploring the wider world that pupils became aware of as they became older, we also look back at sports days, playtime, and the scary world of exams!

59 minutes

Clip

Broadcasts