Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuiridh Iain Mac'illeMhìcheil an deireadh-sheachdain air a chasan

John Carmichael is joined by TV freelancer Ricky Hannaway, from Stornoway. Air chèilidh air Mac‘illeMhìcheil tha Ricky Hannaway à Steòrnabhagh.

Dà uair a thìde de chòmhradh agus ceòl air leth, còmhla ri Iain Mac'illeMhìcheil, a' craoladh beò à stiùidio a' BhBC ann an Glaschu. An t-seachdain sa, ‘s e Ricky Hannaway a bhios na chuideachd. ‘S ann à Steòrnabhagh a tha Ricky. Dh‘fhàg e Leòdhas aig 18 airson Oilthigh Ghlaschu far an do thòisich e air ceum ann a Matamataigs is Gnìomhachas, ged nach do chòrd sin ris. Fhad 's a bha e na oileanach, bha e ag obair ann an taigh-seinnse cliùiteach a’ Phark, mus do dh‘fhàg e Glaschu airson cùrsa Tbh a dhèanamh san t-Sabhal Mhòr.

An-diugh, bidh e ag obair na Cheannbhair Làir air tòrr phrògraman spòrs beò, is dreuchdan eile an lùib telebhisean.

`S caomh leis a bhith a’ siubhal; chan eil fada o bha e ann an Vietnam agus Sri Lanka agus tha e dha rìreabh measail air ceòl de gach seòrsa, eadar Americana, Country, bluegrass, agus ceòl soisgeulach. Tha e na bhall de dhà chòisir.

Cluinnidh sinn seanchas Ricky, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige.

Mar as àbhaist cuideachd, bidh measgachadh math de sheinneadairean is còmhlain aig Mac'illeMhìcheil fhèin dhuinn. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Country, Americana is ceòl tradiseanta, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.

2 hours

Music Played

  • Trail West

    Bernie's Second Debut: Francis Street Jig #3 / The Travers.......

    • From The Sea To The City.
    • TW Records.
    • 001.
  • Terri Clark

    Better Things To Do

  • Ricky Skaggs

    Heartbroke

  • Little Big Town

    Pavement Ends

  • Brandy Clark

    I Believe In You

    • Gentle Giants: The Songs Of Don Williams.
    • Slate Creek Records.
  • Sam Outlaw

    Trouble

    • Tenderheart.
    • 005.
  • Lindsay Lou

    The River Jordan

  • Steve Earle & The Dukes

    Rita Ballou

    • Guy.
    • New West Records.
    • 005.
  • Kacey Musgraves

    Somebody to Love

  • Kris Kristofferson

    Me And Bobby McGee

  • Ashley Monroe

    Mayflowers

  • Ashley McBryde

    Fat and Famous

  • Jim McReynolds & Jesse McReynolds

    Six Days On The Road

  • The New Basement Tapes

    Spanish Mary

  • Jim Reeves

    He'll Have To Go

    • Rediscover The 60's - Sealed With A K.
    • Old Gold.
  • Finlay MacDonald

    Lochanside

Iain Mac'illeMhìcheil agus Ricky Hannaway

Iain Mac'illeMhìcheil agus Ricky Hannaway

Broadcast