Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1024

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 1024.

Available now

5 minutes

Clip

Litir 1024: Uilleam Speirs Bruce (1)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chiad charbad Albannach a bha riamh anns an Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse dhuibh mu fhear Albannach a tha cliùiteach airson a bhith an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs Brus, agus tha eachdraidh gu math inntinneach.

Bha athair Bhruis na Albannach ach rugadh Uilleam fhèin ann an Lunnainn, agus chaidh e gu sgoil ann an Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), chaidh e a dh’Alba airson cùrsaichean foghlaim a dhèanamh ann an saidheans nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann. Ghabh e ùidh mhòr ann an saidheans na mara.

Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh am Brusach gu ruige Na h-Eileanan Fàclannach. Bha e ann an cabhlach de cheithir soithichean a dh’fhàg Dùn Dè. Bha iad airson rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh gnìomhachas sealg nam mucan-mara a chur air dòigh anns a’ Chuan a Deas. Cha robh iad soirbheachail. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an t-àite gu mòr ri Brus. 

ʼS e Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais a chuir ann e, agus dh’iarr Brus orra taic a thoirt dha airson triall saidheansail gu South Georgia. Ach dhiùlt iad taic a thoirt dha.

Thairis air a’ gheamhradh is earrach ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig gu sia (1895-6), bha Brus ann an àite fuar sneachdach. Ge-tà, cha robh e anns an Antartaig. Chuir e seachad an ùine sin air mullach Beinn Nibheis far an robh stèisean airson an aimsir a thomhas. An dèidh sin, bha e ann am Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. Chaidh rubha air fear de na h-eileanan ainmeachadh airson a’ Bhrusaich – mar Cape Bruce.

An dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann agus air cuairt-mhara eile anns an Artaig. Anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900), leig e seachad an cothrom a dhol don Antartaig mar eòlaiche-nàdair cuide ri Raibeart Scott. Bha dà adhbhar aige airson sin. Bha e airson a bhith os cionn buidheann e fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha.

Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich, agus tha e coltach gun robh a’ bhanais ann an Ros an Ear, ach chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn Èideann. Anns na bliadhnaichean sin, chuir Brus air chois Club Sgithidh na h-Alba, agus Sutha Dhùn Èideann.

Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall Antartaigeach a chur air dòigh. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an Alba, le tòrr dheth a’ tighinn bho na bràithrean Coats, aig an robh gnìomhachas cotain. Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair oirre gus an robh i deiseil gus seòladh chun na h-Antartaig. Chuir iad ainm ùr oirre – an Scotia. Bha iad moiteil asta fhèin gun robh gnothach uile-gu-lèir Albannach aca. Bha a h-uile duine air bòrd Albannach, agus b’ e ainm oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.

Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902). Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh anns an Antartaig an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Uilleam Speirs Brus: William Speirs Bruce; saidheans nàdarrach: natural science(s); Na h-Eileanan Fàclannach: The Falkland Islands; Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais: Royal Geographical Society; dhiùlt: refused; Seasaidh NicCoinnich: Jessie Mackenzie; triall Antartaigeach: Antarctic expedition;.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: mu fhear Albannach a tha cliùiteach airson a bhith an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig: about a Scottish man who is well known for being involved in Antarctic research; rugadh Uilleam fhèin ann an Lunnainn: William himself was born in London; chaidh e gu sgoil ann an Sasainn: he went to school in England; cabhlach de cheithir soithichean a dh’fhàg Dùn Dè: a fleet of four ships that left Dundee; airson rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh gnìomhachas sealg nam mucan-mara a chur air dòigh anns a’ Chuan a Deas: to research how a whaling business might be established in the Southern Ocean; chòrd an t-àite gu mòr ri X: X really enjoyed the place; dh’iarr Brus orra taic a thoirt dha airson triall saidheansail: Bruce asked them to assist him with a scientific expedition; mullach Beinn Nibheis far an robh stèisean airson an aimsir a thomhas: the summit of Ben Nevis where there was a station for measuring the weather; far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach: where he got to know the Norwegian polar explorer; leig e seachad an cothrom a dhol don Antartaig mar eòlaiche-nàdair: he declined the opportunity to go to the Antarctic as a naturalist; cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas: he had no interest whatsoever in getting to the South Pole; ʼs e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha: it’s scientific research he was focused on; chuir Brus air chois Club Sgithidh na h-Alba: Bruce established the Scottish Ski Club; aig an robh gnìomhachas cotain: who had a cotton business; dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain: they left Troon in November.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Sutha Dhùn Èideann: Edinburgh Zoo. Loan words into Gaelic which start with a ‘z’ pose a difficulty for our native orthography, as it is not a natural sound in the modern language. The problem is solved by using a Gaelic ‘s’. But be aware that, in this instance, the resultant sound is halfway between a natural Gaelic ‘s’ and the English ‘z’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Ghabh e ùidh mhòr ann an saidheans na mara: he took a great interest in oceanography.

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast