Main content
Sorry, this episode is not currently available

Call uabhasach faisg air còig cheud duine air HMS Otranto air Maol na h-Obha an Ìle.
The loss of 470 lives on the armed merchant vessel HMS Otranto off the cost of Islay.

Airson an dara turas ann an 1918, air an 6mh den Dàmhair thachair tubaist mara uabhasach eile air cladaichean eilean Ìle. Aig toiseach a’ Ghearain bha an Tuscania air a dhol air na creagan aig Maol na h-Obha far an deach còrr is 200 saighdear Ameireaganach a chall, ach bhiodh an dara tubaist nas miosa buileach.

Bha gèiltean fiadhaich ann air an deireadh sheachdain,, a leithid nach fhacas riamh roimhe ann an Ìle le gaoth a’ sèideadh bhon iar. Madainn na Sàbaid chunnacas soitheach mòr as aonais cumhachd a’ deànamh air a’ chladach eadar Machraidh agus Cille Chiarain.

Bha an SS Otranto air a slighe ann an conbhoidh bho New York a Ghlaschu agus Liverpool le saighdearan Ameireaganch air bòrd an uair a bhuail i anns an SS Kashmir a-mach bho chladach Ìle. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn mar a thachair.

10 minutes

Clip

Broadcasts