Main content
This programme is not currently available on BBC iPlayer

Tommy Burns

Ten years on from his death at 51 years old, Tommy Burns’ family look back on his life.

Deich bliadhna bho bhàsaich e le aillse ’s gun e ach leth cheud ‘sa h-aon bliadhna a dh’aois, tha clann-nighean is mic Tommy Burns a’ coimhead air ais air air a bheatha mar athair gaolach, cluicheadair ball-coise cliùiteach agus manaidsear air Celtic is Cille Mheàrnaig.

Ten years on from his death from cancer at just 51 years old, Tommy Burns’ daughters and sons look back on the life and career of their beloved father, a much-revered player and manager of both Celtic and Kilmarnock.

1 hour, 17 minutes

Last on

Fri 27 Sep 2019 21:00

Ailig O’Henley - Preseantair

Ailig O’Henley - Preseantair

Tha Ailig O’Henley à Uibhist a Deas air a bhith ag obair mar neach-naidheachd Albannach airson UEFA bho 2004. Bhon uair sin, tha e air a bhith mar phàirt dhen sgioba-naidheachd aca aig farpaisean EURO 2004, 2008 agus 2012; a thuilleadh air a bhith ag aithris air farpaisean Eòrpach eile, leithid an Champions League agus Europa League, an dà chuid an seo an Alba agus ann an Sasainn. Cluinnear Ailig gu tric ag aithris air ball-coise na h-Alba is na Roinn Eòrpa airson BBC Radio nan Gàidheal agus cuideachd mar neach-aithris agus eòlaiche airson na geamaichan SPFL is eile aig BBC ALBA.

Alex O’Henley from South Uist has been UEFA’s Scottish Football Correspondent since 2004. Since then, he’s been part of their reporting team at the EURO 2004, 2008 and 2012 European Championship finals; as well as following the fortunes of domestic clubs in the Champions League and Europa League competitions. Here in Scotland, Alex is a regular contributor to BBC Radio nan Gàidheal on Scottish and European football issues and is also a commentator and summariser for BBC ALBA’s SPFL match coverage.


Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche

Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche

'S e Stiùiriche a th’ ann a Margot McCuaig agus tha i air duaisean a chosnadh airson am Prògram Spòrs is Fheàrr aig an Royal Television Society (RTS) ann an Alba le fiolmaichean air Jock Stein agus Jim Baxter – prògraman a chaidh an riochdachadh le purpleTV airson BBC ALBA. 'S i cuideachd a stiùir na prògraman Gothenberg 83 agus Tartan Pride, a fhuair gu geàrr-liosta dhuaisean an RTS, agus am fiolm Jimmy Johnstone a chaidh a mholadh airson torc umhach aig Fèis nam Meadhanan Cèilteach ann an 2017. Buinnidh Margot do dh’Eilean Reachraidh agus Glaschu, agus is i na riochdaire, sgrìobhadair agus stiùiriche air Tommy Burns.

Margot McCuaig is the award-winning director of the RTS Best Sport Programme films Jock Stein and Jim Baxter, produced by purpleTV for BBC ALBA. She also directed the RTS shortlisted Gothenburg 83 and Tartan Pride films, and the feature-length Jimmy Johnstone film, nominated for a Bronze Torc for Excellence at the Celtic Media Festival is 2017. Margot, from Glasgow and Rathlin Island, is the producer, writer and director of Tommy Burns.

Credit

Role Contributor
Narrator Alex O'Henley

Broadcasts

Gallery