Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: An t-Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba Ceann Loch Biorbhaidh (1997) - 2/2

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donaidh MacSuain, Eaglais na h-Alba (1997). Gaelic archive service from 1997 with Rev Donnie MacSween, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 34: air fonn Walsall agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus 's e a An t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 107: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Mata 9: 1-26
Ceann-teagaisg Mata 9: 9

Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair làn ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ceann Loch Biorbahidh ann an 1991 far an robh e na mhinistear airson sia bliadhna. Às dèidh sin ghluais e gu Baile Eoghain agus tha e air a bhith an sin bhon uair sin. Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-àraidh ceòl soisgeulach, Gàidhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CD- agus DVDan a thoirt a-mach. Cluichidh e fhèin iomadh seòrsa inneal-ciùil, nam measg an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gàidhealach. Tha a' Ghàidhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cànan agus an ceòl a bhrosnachadh.

30 minutes

An t-Urr Donaidh MacSuain

An t-Urr Donaidh MacSuain

Broadcast