Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Coinneach Mac a' Ghobhainn

Tha Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air tasglann Courier Inbhir Nis a tha 200 bliadhn' a dh' aois. Angus Macdonald delves into the archives of the Inverness Courier.

An-diugh air a' phrògram, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' faighneachd cò iad na buannachan ( no redshanks mar a chanar riubha sa Bheurla,) saighdearean-tuarastail à Alba a ghabh pàirt san strì eadar Èirinn agus Sasainn san 16mh linn agus dè na sgirean as tàinig iad?

Air Là Eadar-nàiseanta nam Ban tha Kirstie NicLeòid còmhla rinn airson innse mu bheatha agus obair Isobel Wylie Hutchison, taisgealach agus lus-eòlaiche Albannach a sgrìobh iomadh leabhar mu na dùthchannan Artach.

'S ann air 10mh den Mhàirt, 1876, a fhuair Alexander Graham Bell air an inneal ùr aige, am fòn, a chleachdadh airson a' chiad uair. Tha sinn a-nis, san 21mh linn, air ar cuairteachadh le fònaichean-làimhe - a bheil e na bhuannachd no na bhacadh gu bheil sinn nis cho ceangailt ri ar cuid fònaichean?

Agus gach seachdain tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air tasglann Courier Inbhir Nis a tha 200 bliadhna a dh'aois. An-diugh tha e a' togail air na naidheachdan a nochd sa phàipear ann an 1853, nam measg na fuadaichean ann an an Gleanna Garradh.

bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts