Main content

Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu Dhòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a' Ghiùthsaich. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.

Available now

5 minutes

Clip

Litir 908: Dòmhnall Phàil, Bàrd Cheann a’ Ghiùthsaich - Pàirt 1

Bha mi ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-fhoghar. ʼS e baile snog a th’ ann ach, an coimeas ris an Aghaidh Mhòir an latha sin, bha e uabhasach fhèin sàmhach. Cha bhi mòran luchd-turais a’ stad ann, a rèir choltais.

Co-dhiù, stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail agus chunnaic mi sanas air togalach air an àrd-shràid. Bha e a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean anns a bheil Dòmhnall Phàil tiodhlaicte. Uill, cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh sùil a thoirt air a’ chladh.

            Eadhon do Ghàidheil nach buin do Bhàideanach – mar mi fhìn – tha sinn eòlach air an duine mar ‘Dòmhnall Phàil’. ʼS e Dòmhnall Caimbeul a bh’ air mar ainm oifigeil. Tha e aithnichte mar ‘Bhàrd Cheann a’ Ghiùthsaich’. Agus tha e ainmeil air feadh na Gàidhealtachd mar ùghdar an òrain ‘Guma Slàn do na Fearaibh’. A bheil sibh eòlach air? Seo a’ chiad trì rannan dhuibh.

            Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain, Gu talamh a’ gheallaidh, Far nach fhairich iad fuachd, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

            Guma slàn do na mnathan, Nach cluinnear an gearan, ʼS ann thèid iad gu smearail, Gar leantainn thar ʼchuain. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

            ʼS na nìghneagan bòidheach, A dh’fhalbhas leinn còmhladh, Gheibh daoine ri ʼm pòsadh, ʼChuireas òr nan dà chluais. Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

            Tuigidh sibh gu bheil am bàrd a’ leigeil soraidh le feadhainn a tha a’ fàgail Bhàideanach. Tha iad a’ falbh thar a’ chuain gu ruige Sydney ann an Astràilia.

            Tha Tòmas Sinton ag innse dhuinn mun òran anns an leabhar aige The Poetry of Badenoch. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). Dh’fhalbh mòran à Ceann a’ Ghiùthsaich gu ruige an t-Òban far an robh an soitheach, St George, a’ feitheamh. Tha astar mòr ann eadar Ceann a’ Ghiùthsaich agus an t-Òban, agus chaidh na daoine ann ann an cairtean.

            Bha sluagh mòr ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an latha a dh’fhalbh iad. Chan e a-mhàin gun robh càirdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha, ach gun robh mòran a’ cruinneachadh airson Fèill Chaluim Chille. B’ e an fhèill sin latha mòr do mhuinntir Bhàideanach. Bhiodh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an Ceann a’ Ghiùthsaich.

            Air an latha sin, tha Sinton ag innse dhuinn, chaidh an sluagh, agus luchd-ciùil nam measg, gu mullach na Creige Bige, an cnoc os cionn a’ bhaile. Bha na deòir a’ ruith, agus daoine a’ fàgail dùthaich an àraich agus an dlùth-chàirdean, agus fios aca nach fhaiceadh iad a-rithist iad.

            Agus an robh iad a’ falbh gu ‘talamh a’ gheallaidh’? Uill, bha feadhainn gu math soirbheachail ach bha feadhainn nach robh beò fada thall ann an Astràilia. Bha a sgeul fhèin aig gach duine. Bha Dòmhnall Phàil fhèin an dùil leantainn orra, ach cha do lean. Bheir sinn sùil a bharrachd air an-ath-sheachdain ach, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann eile aige:

            Gheibh sinn aran is ìm ann, Gheibh sinn siùcar is tì ann, ʼS cha bhi gainne oirnn fhìn, San tìr sa bheil buaidh, Guma slàn do na fearaibh, Thèid thairis a’ chuain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; tiodhlaicte: buried; mnathan: wives, women; nìghneagan: maidens, girls; soitheach: vessel; Fèill Chaluim Chille: St Columba’s feast-day (9 June); deòir: tears.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: an coimeas ris an Aghaidh Mhòir: compared to Aviemore; stad mi fhìn ann airson grèim-bìdh a ghabhail: I myself stopped there to get a bite to eat; a’ sanasachd cladh air cùl nan taighean: advertising a cemetery behind the houses; cha b’ e ruith ach leum a bh’ ann dhomh: I jumped at the chance; nach buin do Bhàideanach: who don’t belong to Badenoch; thèid thairis a’ chuain: who’ll cross the ocean; talamh a’ gheallaidh: the country of promise; far nach fhairich iad fuachd: where they won’t feel cold; nach cluinnear an gearan: no complaint will be heard; thèid iad gu smearail, gar leantainn thar ʼchuain: they will go heartily, following us across the ocean; gheibh daoine ri ʼm pòsadh a chuireas òr nan dà chluais: who’ll get men to marry them who’ll give them ear-rings of gold; a’ leigeil soraidh le: saying farewell to; ann an cairtean: in carts; chan e a-mhàin gun robh càirdean nan eilthireach ann airson soraidh a leigeil leotha: not only were relatives of the emigrants there to farewell them; gu mullach na Creige Bige: to the summit of the Creag Bheag; a’ fàgail dùthaich an àraich: leaving the country of their upbringing; nach robh beò fada: that weren’t alive long; bha X an dùil leantainn orra: X was expecting to follow them; cha bhi gainne oirnn fhìn san tìr sa bheil buaidh: we shall suffer no want in the land of bounty.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Guma Slàn do na Fearaibh: A health to the men. If Dòmhnall Phàil were writing today, he would undoubtedly have written ‘Guma slàn do na fir’ – which would have upset the rhythm and phraseology of the song (perhaps he’d have changed it to ‘gaisgich’!) Fearaibh is an example of the dative plural form of a noun (commanded by the simple preposition ‘do’). This inflection was still common enough in the early 19th Century but appears to have been considered old-fashioned, even archaic, by the end of the century, the dative plural then (as now) becoming identical in form to the nominative plural. To create the old dative plural, add -ibh or -aibh to the nominative singular form of the noun. It could be useful if you want to represent old-fashioned speech or ‘Gàidhlig na cùbaid’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: gu ruige an t-Òban: to Oban [note that gu ruige takes the nominative].

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast