Main content
Sorry, this episode is not currently available

2/4 Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich

Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich. Author, broadcaster and educationalist John Murray talks about his life and work.

Nuair a dh'fhàg Iain Moireach Bun-sgoil Bharabhais cha robh e follaiseach ann an dòigh sam bith gu robh dad sònraichte mu na sgilean sgrìobhaidh aige. Bha e na dheugaire agus a-mach às an sgoil mus tàinig na sgilean sin am follais. Dh'fheuch e an toiseach ri bàrdachd a sgrìobhadh ach, ann an ùine gu math goirid, thuig e nach robh e dol a dhèanamh beò-shlaint bho bhith na bhàrd oir nach b' ann sa ghnè sgrìobhaidh seo a bha na sgilean aige. Às dèidh dha a chùl a chuir ris a' bhàrdachd thòisich e air sgrìobhadh sgeulachdan agus a' leudachadh an uairsin gu bhith sgrìobhadh deilbh-chluiche, sgilean a bha dol dha leantainn airson a' chòrr dha bheatha. Ach bha obair eile aige ri dhèanamh cuideachd, oir às dèidh bhith deiseil san oilthigh agus sa cholaiste fhuair e obair na thidsear ann an sgoil ann am Baile nam Feusgan.

30 minutes

Iain agus Nora sa bhliadhna 1961

Iain agus Nora sa bhliadhna 1961

Iain Moireach

Iain Moireach

Iain sa bhliadhna 1952/1953

Iain sa bhliadhna 1952/1953

Iain, a bhràthair Sandy agus cù sa bhliadhna 1957

Iain, a bhràthair Sandy agus cù sa bhliadhna 1957

Iain agus a bhràthair Sandy sa bhliadhna 1957

Iain agus a bhràthair Sandy sa bhliadhna 1957

Iain Moireach, Coinneach MacDhùghaill agus Sandy Moireach

Iain Moireach, Coinneach MacDhùghaill agus Sandy Moireach

Broadcasts