Main content

Cluinnidh sinn mu Ghleann Mhoire, faisg air Ailinis, anns an litir aig Ruairidh MacIlleathain. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.

Available now

5 minutes

Clip

Litir 876: Bliadhna nan Caorach (1)

Bliadhna nan Caorach. Cuin a bha sin, nise? Uill, a’ bhliadhna nuair a nochd a’ chaora mhòr air a’ Ghàidhealtachd. Agus bliadhna nuair a rinn feadhainn strì an aghaidh nam fuadaichean a bh’ air tòiseachadh. Bliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792).

            Faisg air Alanais ann an Siorrachd Rois, tha gleann brèagha air a bheil Gleann Mhuire. Tha e a’ faighinn ainm bho sheann chille air a bheil Cille Mhuire. Tha i na tobhta. Tha i ri taobh loch air a bheil Loch Mhuire. Agus ’s e Frìth Chille Mhuire a chanar ris a’ mhonadh faisg air làimh – no ann am Beurla Kildermorie Forest.

            Uaireigin bha sluagh cuimseach mòr a’ fuireach anns an sgìre. Ach chaidh am fuadachadh timcheall air seachd ceud deug is naochad (1790). B’ e an t-uachdaran Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Bha Gàidhlig aige ach bu choma leis suidheachadh nan daoine àbhaisteach. Thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar – Ailean agus Alasdair Camshron – a thug caoraich a-steach.

            Dìreach gu tuath air Gleann Mhuire, tha Srath Rùsdail. ’S e crodh a bh’ aig muinntir Shrath Rùsdail aig an àm. Ach bhiodh an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd gu Frìth Chille Mhuire. Nuair a thachradh sin, bhiodh na Camshronaich gan trusadh is gan cumail ann an crò. Dh’fheumadh muinntir Shrath Rùsdail airgead a thoirt seachad airson an crodh fhaighinn air ais.

            Dh’fhàs iad sgìth dhen t-suidheachadh agus thàinig gnothaichean gu ceann anns a’ Chèitean ann am Bliadhna nan Caorach. Bha an crodh ann an crò ann an Gleann Mhuire ach chuir na daoine romhpa an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh. Chuir iad fios gu muinntir Àird Rois a bha a’ buain na mònach an latha sin. Thàinig iad agus còmhla shaoraich iad fhèin agus muinntir Shrath Rùsdail an crodh. Bha beagan de chòmhstri ann ach cha deach cron mòr a dhèanamh air duine sam bith.

            Thug na Camshronaich a’ chùis gu cùirt ann an Inbhir Nis. Bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann. Ach fhuair an diùraidh neoichiontach iad.

            Bha na bu mhiosa a’ tighinn, ge-tà. Air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar bha muinntir Shrath Rùsdail aig banais. Thòisich na fir air còmhradh ri chèile mu na caoraich a bha a’ gabhail thairis na dùthcha. Chuir iad romhpa na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair – crìoch Siorrachd Inbhir Nis. Chaidh an naidheachd a sgaoileadh ann an eaglaisean is taighean-òsta. An Dimàirt an dèidh sin thàinig dà cheud duine cruinn còmhla ann an Srath Òiceall.

            Chaidh iad gu ceann a-mach sgìre na Luirge agus dh’iomain iad a h-uile caora a lorg iad ach a-mhàin treud le Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid. Ràinig iad Na Bothachan, sear air Gleann Mhuire, Disathairne, ach ’s ann an uair sin a thàinig an t-ar-a-mach gu ceann. Madainn na Sàbaid nochd an siorram. Bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa na chois.

            Sgap luchd na h-aimhreit ach fhuair na saighdearan grèim air feadhainn dhiubh, agus bha iad air an cur gu Taigh an Fhuamhair mar phrìosanaich. Cha robh a’ chùis seachad, ge-tà.  Cha b’ fhada gus am biodh na meadhanan a-mach air ‘sedition’, ‘insurgents’ agus ‘unjustifiable violence’. Tillidh sinn gu Bliadhna nan Caorach anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Bliadhna nan Caorach: The Year of the Sheep; a’ chaora mhòr: the Cheviot (sheep); Alanais: Alness; Loch Mhuire: Loch Morie; Frìth Chille Mhuire: Kildermorie (Deer) Forest; Taigh an Fhuamhair: Novar; Srath Rùsdail: Strath Rusdale; banais: wedding; Srath Òiceall: Strath Oykell; Na Bothachan: Boath.  

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: nuair a rinn feadhainn strì an aghaidh nam fuadaichean a bh’ air tòiseachadh: when some people struggled against the clearances that had begun; thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar: he gave rights over the land to two brothers from Lochaber; bhiodh an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd: the cattle would cross the estate boundaries; gan trusadh is gan cumail ann an crò: gathering them and keeping them in a pen; chuir na daoine romhpa an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh: the people decided to free them without paying a penny; bha beagan de chòmhstri ann ach cha deach cron mòr a dhèanamh air duine sam bith: there was a bit of a tussle but nobody was badly hurt; bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann: eight people were charged with riot and assault; bha na bu mhiosa a’ tighinn, ge-tà: worse was to come [was coming], however; na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair: to drive all the sheep in the counties of Ross and Sutherland out and across the Beauly River; gu ceann a-mach sgìre na Luirge: to the farthest extent of Lairg parish; ach a-mhàin treud le Siorram Rois: except for a flock belong to the Sheriff of Ross; bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa na chois: he was accompanied by a group of soldiers from Fort George; sgap luchd na h-aimhreit: the rioters dispersed; cha b’ fhada gus am biodh na meadhanan a-mach air: it wasn’t long until the media were talking about.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: bu choma leis suidheachadh nan daoine àbhaisteach: he was indifferent to the circumstances of the ordinary people. We often use coma with the assertive verb ‘is’ and the preposition ‘le’, as in the old saying ‘Is coma leis an Rìgh Eòghann, ach ’s coma le Eòghann co-dhiù’ – the King is indifferent about Ewan but Ewan couldn’t care less. In the past tense, we use ‘bu’ for ‘is’. Bu choma leatha gu robh iad ann an èiginn ‘she was indifferent to their being in distress’. 

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Uaireigin bha sluagh cuimseach mòr a’ fuireach anns an sgìre: at one time a reasonably large population was living in the area.

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast