Main content
Sorry, this episode is not currently available

First in a six-part series following Donald MacSween as he tries to make it as a full-time crofter. This episode sees him preparing to go into egg production.

Tha Dòmhnall MacSuain - no Sweeny mar as fheàrr a dh' aithnichear e - na chroitear à Leòdhas le miann sònraichte. Na Niseach pròiseil, tha e an-dràsta ag obair pàirt-ùine, ach bu mhath leis sin atharrachadh gu tur agus barrachd ùine a chur seachad anns an àite as bòidhche fon ghrèin na bheachd-san - Nis, gus a bhith na chroitear làn ùine. Leanaidh sinn e thar bliadhna san t-sreath
ùr seo de 6 earrannan, 's e a' feuchainn a rùn shònraichte a thoirt gu buil.

Tha ùidh air a bhith aig Sweeny ann am beathaichean agus croitearachd bhon a bha e na ghille òg agus chuir e seachad tòrr ùine le a sheanair air lot an teaghlaich. Bhon a ghabh e os làimh e ann an 2005 tha e air ùine a roinn eadar an obair làitheil agus croitearachd - rud nach robh furasta, ach anns an Iuchar 2014 ghabh e a' chiad cheum le a phlanaichean dìoghrasach. Ged is e caoraich an 'first love' aig Sweeny, ann am Prògram 1 chithear e a' gabhail slighe ùr le beathaichean ùra agus e ag ullachadh son uighean a reic aig mòr-ìre le cuideachadh bho 300 cearc. Ach le turas gu tìr mòr a' teannadh dlùth dha Sweeny airson na cearcan a thogail, tha an taigh-chearc fada bho bhith deiseil. An cuir Sweeny cùisean air dòigh ann an ùine?

Lean Sweeny air a thuras a tha uaireannan buaireasach, uairean brosnachail 's e air An Lot. An dèan e a' chùis a' toirt a phlanaichean gu buil? An tig air Sweeny croitearachd ath-nuadhachadh agus beòshlaint làn ùine a dhèanamh bhon talamh?

Donald MacSween - or Sweeny as most folk know him - is a Lewis crofter with a dream. A proud Ness man, he is currently working part-time but aims to change all that so he can spend more time in what he considers to be the best place in the world, Ness, and be a crofter full-time. We follow him over a year in this six-part series as he tries to make his dream become a reality.

Sweeny has had an interest in animals and crofting from a young age and spent a lot of time with his grandfather on the family croft. Since taking over the croft in 2005, he's juggled the demands of the day job with crofting, but in July 2014 he embarked on the next stage of his ambitious plans.

While the sheep might be Sweeny's first love, episode one sees him take a new direction as he prepares to go into egg production with 300 new chickens. But as the day of the chicken's arrival looms with a trip to the mainland for Sweeny, the hen house is far from finished. Can Sweeny sort things in time?

29 minutes

Last on

Mon 5 Nov 2018 19:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from An Lot/The Croft

Broadcasts