Main content

Episode 8

Episode 8 of 10

Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. John Urquhart presents a programme for Gaelic learners.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Ann am prògram na seachdain sa, tha Iain a' còmhradh ris an neach-ionnsachaidh Rona NicNeacail agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week, John meets Gaelic learner Rona Nicolson, grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

19 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 13 Jun 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Tìm – An t-Urramach Ruairidh MacLeòid

Dòmhnall Iain Dòmhnallach: An-diugh, tha sinn air ar cuairteachadh leis an uair. Air cùl ar dùirn, air fònaichean-làimhe, air clocaichean baile, aig stèisean treàna, neo aig eaglais neo eile. Ach, cò ris a bhiodh e coltach a bhith an àite is gun ionnsramaid agad a dh’innseadh an uair dhut? Innsidh an t-Urramach Ruairidh MacLeòid an sgeul fhèin.


Ruairidh: Tha e iongantach mar a tha sinn a’ crochadh air an uair airson ar n-obair. Tha cuimhn' a’m turas, bha mi fhèin is dithis eile a’ fuireach còmhla ann an Dùn Èideann nuair a bha mi nam oileanach, agus chaidh mise sìos làthaichean na bu tràithe, agus cha robh rèidio agam is cha robh uaireadair agam.


Agus a’ chiad mhadainn, bha mi airson a dhol a-steach dhan leabharlann. Agus sgioblaich mi is chaidh mi air a’ bhus. Chunnaic mi clann-sgoile air a’ bhus, is bha mi ag ràdh, “Uill, feumaidh gu bheil an uair seo ceart.”


Ràinig mi an cloc mòr aig stèisean Haymarket. Bha e cairteal gu naoi sa mhadainn, is bha sin glè mhath.


An ath latha, rinn mi an aon rud a-rithist. Bha clann-sgoile air a’ bhus, is bha mi ag ràdh, “Oh uill, dh’amais mi air an uair glè mhath.” Ach nuair a ràinig mi Haymarket, bha e cairteal an dèidh uair. ’S ann a’ dol dhachaigh gu dìnnear a bha iad! Agus tha e a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e mura h-eil uaireadair againn. Tha mi a’ creidsinn gun robh ar sinnsearan a thaobh na grèine is rudan eile, bha iad mòran na bu ghlice na tha sinne an-diugh, ach tha e a’ sealltainn mar a tha sinn a’ crochadh air uaireadairean.

Tar-sgrìobhadh: Eileanaich: Barraigh

Mary Bell Nic a' Bhreatannaich a' còmhradh ri Coinneach MacFhionghain, Katy Dhùghlas agus Calum MacNèill


Coinneach: Tha sinne fortanach ann a seo, tha deagh nàbaidhean againn, agus daoine coibhneil, ionnsaichte, foghlamaichte, ’s e sin na h-Uibhistich. Agus chan eil sgàthan cho math ri sùil caraid. Agus nuair a tha na h-Uibhistich a’ coimhead rinn, an còmhradh aca rinn, ’s e mar a chanas iad fhèin, “a bhruidhinn Bharrach.”


Mary Bell: Seadh.


Coinneach: Agus aithnichidh iadsan Barraich. Ach rudan nach eil fios aig na h-Uibhistich, tha dà sheòrsa bhruidhinn Bharrach ann. Chan eil fhios a’m... bidh fios aig Calum mu dheidhinn seo.


Ceitidh: Tha.


Coinneach: Tha rud ris an can iad Mairianna Line a tha eadar Breibhig agus Tangasdal. Agus tuath... tuath air a sin, tha mar “Maisi-Anna”, agus deas tha “Mairianna” gu math tric. Nist’, dh’fhaodainn-sa faighneachd do Chalum an-dràsta...


Mary Bell: Tha, mar a tha Màiri aig tuath, Màisi aig deas.


Ceitidh: Tha an aon rud nuair a bha sinne a’ dol... bha mise a’ dol gu Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, dh’aithneachadh tu na Tuathaich seach na Deasaich air... air a’ bruidhinn. Chanadh na Tuathaich “sagart”, ach chanadh sinne “sagast.”


Mary Bell: ’S e.


Ceitidh: Fhios agad, bha... bha diofar... bha diofar sa Ghàidhlig.  Chan eil iad an-diugh ga bruidhinn mar a bha sinne ga bruidhinn.


Mary Bell: O chan eil.


Coinneach: Faighnichidh mise do Chalum a-nist’ – can a Chaluim, as mo dhèidh, can, “Cuir air an coire a Mhàirianna”, agus canaidh... chanadh Calum – tha e air a nàrachadh a-nise is cha chan – “Cuis’ air a’ choise Mhàisi-Anna”. (“cuir air a’ choire, a Mhàirianna”)


Calum: Aidh, sin agad mar a chanadh sinn e mura bhiodh sinn a’ toirt for de bha sinn ag ràdh. Ach, tha dòigh eile air an aithneachadh tu na Tuathaich nuair a bha sinne san sgoil – ah, bhiodh iad … bhiodh coineanaich aca fon seacaid. (a’ gaireachdainn) Bhiodh iad a’ reic anns a’ chloakroom!  


Mary Bell: A Chaluim, chan eil mise a’ dol an sàs anns a seo idir air t-sàilleibh... air t-sàilleibh tha pìos... pìos dhìomsa aig deas, agus pìos aig tuath! 


Calum: Tha an t-eagal ort! 

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Ghabh Slim leithid de dh’eagal ’s gun do thuit e gun mhothachadh chun an làir mar gum biodh peilear air a bhualadh. Bha e mar sin airson mionaid no dhà gus na thòisich e air tighinn mun cuairt. ’S e a’ chiad smuain a thàinig thuige gur ann ag aisling a bha e no gun robh e a’ dol às a chiall. Chaidh e a-null gu sgàthan a bha mar phàirt dhen bhalla agus thug e sùil air fhèin. Bha e cho spaideil, seang ’s a bha e riamh ach bha aodann air a dhol cho geal ris an anart. Chuala e an guth a-rithist, air a’ chùlaibh an triop seo, a’ tighinn bhon chlaigeann.


“A Mhgr Fairly, feumaidh tu mo thiodhlachadh.”


An ann a’ dol às a chiall a bha e? Bha fios aige gum biodh daoine a bha dol às an ciall a’ cluinntinn ghuthan. Cha robh creideamh sam bith aige ann an spiorad no ann an anam. Cha robh ann ach an rud a bha fa chomhair do shùil – agus a’ mhargaid, agus reic agus ceannach.


Chaidh e a-null air a shocair chun a’ bhùird agus shuidh e sìos mu choinneamh a’ chlaiginn. Thàinig an guth a-rithist, guth fìreannach òig.


“Thuirt mi riut, a Mhgr Fairly, gum feum thu mo thiodhlachadh. Gheibh thu mo chlaigeann o Mhgr Hirst agus cuiridh tu na fiaclan agam còmhla ri mo chlaigeann.”


Bha Slim air chrith. Bha a’ bheul tioram. Cha b’ urrainn dha smaoineachadh ceart. Claigeann a’ bruidhinn – bha seo gòrach. Ach chluicheadh e an gèam, mas e gèam a bha inntinn a’ cluiche leis.


“Cò thu?” dh’fheòirich e ann an guth critheanach.


Thàinig an guth a-rithist bhon bheul, ged nach robh am beul a’ gluasad, “Is mise Ruairidh MacNèill, bràthair MacNèill Bharraigh. Chaidh mo mharbhadh ann an 1440 leis a’ Ghille Riabhach aig Bealach na Foille ann an Colla far a bheil mo chnàmhan nan laighe gus an latha an-diugh.”


“Ach tha iad ag ràdh gu bheil an claigeann bhon ochdamh linn deug.”


“Chan eil eòlaichean an-còmhnaidh ceart.”


“Chan eil. Carson a chaidh do mharbhadh?”


“Bha blàr ann eadar sinne is Iain Garbh. Thug An Gille Riabhach an ceann dhìom. Tiodhlaic mo chlaigeann agus m’ fhiaclan aig Bealach na Foille ann an Colla – no bidh ceannach agad air.”


“Carson a tha thu ag iarraidh do thiodhlachadh?”


Chuir e a’ cheist ach cha robh freagairt ann. Chuir e ceistean a-rithist, agus a-rithist, ach cha tàinig aon fhacal an còrr. Thòisich an t-eagal a’ traoghadh beagan, ’s mar a thàinig a mhisneachd air ais beag air bheag, thuirt e ris fhèin nach robh ann ach mac-meanmna. ’S dòcha a’ faighinn rud cho annasach airson a’ chiad uair. 

Abairt na Seachdain

Tha tapadh air teanga an Èireannaich, ach 's ann an dèidh làimh a th' an Gàidheal glic

Oisean a’ Ghràmair 8: Notaichean

1.   Sùil air ais:  


An t-Urr. Ruairidh MacLeòid:


“Tha e iongantach mar a tha sinn a’ crochadh air an uair airson ar n-obair.”    
“It’s astonishing how we depend on the time [‘we’re hanging on the time’] for our work.”


ar n-athair     ‘our father’   
ar n-eachdraidh     ‘our history’
ar n-each     ‘our horse’ 
ar n-òrain     ‘our songs’    
ar n-uaireadairean     ‘our wristwatches’      


(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 3;  agus BEAG AIR BHEAG Sreath 1, Prògram 2.)

 

“Tha cuimhne a’m turas, bha mi fhèin is dithis eile a’ fuireach còmhla ann an Dùn Èideann nuair a bha mi nam oileanach.”    
“I remember once, me and two others were staying together in Edinburgh when I was a student.”


nuair a bha mi nam oileanach     ‘when I was a student’ [‘in my student’]
nuair a bha sinne nar n-oileanaich      ‘when we were students’ [‘in our students’]
 
(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 3.)


 “Chaidh mise sìos làthaichean na bu tràithe.”    
 “I went down days earlier.”
Bha iad mòran na bu ghlice na tha sinne an-diugh.”    
“They were much wiser than we are today.”


(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògraman 4 & 5.)


2.  CHO  [doirbh]  IS A . . .   /   ‘How [difficult]…’, ‘As [difficult] as…’, etc


(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògram 1.)


An t-Urr. Ruairidh MacLeòid:


“Tha e a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e mura h-eil uaireadair againn.”    
“It shows how difficult it is if we don’t have watches.” 


cho doirbh is a tha e    
how difficult it is’
cho feumach is a tha sinn    
how dependent we are’
Chuir e iongnadh orm cho luath is a thàinig iad.    
‘It surprised me how quickly they came.’
A bheil fhios agad cho bochd is a tha mi?    
‘Do you realise how poor I am?’
A bheil fhios agad cho gann is a tha an sporan agam?    
‘Do you realise how empty my wallet is?’
Tha e a rèir cho tric is a dh’fheuchas tu.    
‘It depends on how often you try.’ 
Tha fhios agam cho mòr is a tha thu ag iarraidh fòn-làimh ùr.    
‘I know how much* / how greatly you want a new phone.’


Ceistean:  DÈ CHO…?


Dè cho gann is a tha an sporan agad?    
How empty is your wallet?
Dè cho bochd is a bha thu?    
How poor were you?’
Dè cho luath is a thig iad?    
How quickly / How soon will they come?’   
Dè cho doirbh is a bhios an obair agad?    
How difficult will your job be?’
Dè cho feumach is a tha thusa air an uair nad obair?    
How dependent are you on the time/clock in your work?  
Dè cho faisg is a tha sinn air deireadh an oisein-ghràmair seo?    
How close are we to the end of this Grammar-Spot?’
Dè cho mòr is a tha thu ag iarraidh an fòn ùr sin?    
How much*/How greatly do you want this new phone?’


* Ach ‘How much (£££)?’:
Dè phrìs a th’ air a’ chuilean sin san uinneig?  NO  Dè na tha an cuilean sin san uinneig?     
‘How much is that doggy in the window?’


as *** as’ + VERB (gnìomhair):


Thàinig mi a-nuas cho luath ’s a chuala mi.    
‘I came down as soon as I heard.’
cho luath ’s a ghabhas    
as quickly as possible / as soon as possible’
Chan eil an sporan aige a leth cho gann is a tha e a’ coimhead!    
‘His wallet isn’t half as thin as it looks!’ 
A bheil am baile cho beothail is a chanas iad?    
‘Is the town as jumping as they say?’
Beothail? Tha e cho marbh is a chunnaic mi riamh e!    
‘Jumping? It’s as dead as I’ve ever seen it.’
Fhuair mi cho faisg air leòmhann is a gheibh mi gu bràth.    
“I got as close to a lion as I’ll ever get.’ 


ACH...   ‘as  ***  as a/the’ + NOUN :     cho . . . ri 


cho luath ris a’ ghaoith    ‘as fast as the wind’
cho sona ri bròig    ‘as happy as larry’ 
cho laghach ris an òr    ‘as nice as pie’ [‘as gold’]
cho laghach riutsa    ‘as nice as you’

 

 

Broadcasts

  • Sun 6 Dec 2015 21:35
  • Wed 9 Dec 2015 12:00
  • Wed 9 Dec 2015 22:00
  • Sun 13 Dec 2015 10:30
  • Sun 28 Feb 2016 21:27
  • Wed 2 Mar 2016 12:00
  • Wed 2 Mar 2016 22:00
  • Sun 6 Mar 2016 10:30
  • Sun 6 Jun 2021 21:30
  • Wed 9 Jun 2021 12:00
  • Wed 9 Jun 2021 22:00
  • Sun 13 Jun 2021 10:30

Podcast