Main content

Anns an litir an t-seachdain 'sa cluinnidh sinn mu dhithis bhodach a bhitheas a' feuchain ri làmh an uachdar fhaighinn air cach a-cheile. A letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 815: Raghnall agus Cailean

Tha Raghnall agus Cailean nan caraidean. Bidh iad an-còmhnaidh a’ feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air a chèile. Tha iad air an dreuchdan a leigeil dhiubh, agus tha cus ùine aca airson a bhith a’ meòrachadh is a’ beachdachadh air gnothaichean – mòr agus suarach. Latha a bha seo, bha iad nan suidhe còmhla air being fo chraobh.

‘Bha mi a’ dol seachad air pàirc nan lomnochdaichean an latha eile,’ thuirt Raghnall.

‘Pàirc nan lomnochdaichean?’ arsa Cailean. ‘Dè fon ghrèin a tha sin?’

‘Àite far am bi daoine a’ coiseachd timcheall gun sgàth aodaich orra.’

‘O … lomnochdaichean. Ach ann an Alba?’

‘Uill, bidh iad fo chabair ann an togalach blàth, ach a-mhàin air làithean samhraidh,’ thuirt Raghnall. ‘Ach ’s e latha samhraidh a bh’ ann agus chuir mi mo cheann thairis air an fheansa. Bhruidhinn mi ri bodach is cailleach.’

‘An robh iad lomnochd, no rùisgte?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Dearg rùisgte,’ dh’aontaich Raghnall. ‘Dìreach mar a bha iad an latha a rugadh iad.’

‘Eh?’ thuirt Cailean.

‘Uill, chan ann buileach mar a bha iad nuair a rugadh iad,’ dh’aidich Raghnall le gàire.

‘Agus bhruidhinn thu riutha... Dè thuirt thu?’

‘ “Smaoinichibh orm,” thuirt mi riutha, “mar bheathach air machraichean mòra Afraga. Tha sibhse nur beathaichean cuideachd. Tha sibh coltach rium, ach eadar-dhealaichte. Tha mise nam asal-stiallach, agus tha sibhse nur n-asail. Agus a bheil fhios agaibh dè tha mi airson a ràdh ribh?” ’

‘Gabh mo leisgeul,’ thuirt Cailean. ‘Ach dè th’ ann an asal-stiallach?’

‘Seabra,’ thuirt Raghnall. ‘Coltach ri asal le stiallan air.’

‘O, ceart gu leòr. Tha sin a’ dèanamh ciall. An do fhreagair iad thu?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Cha do fhreagair,’ thuirt Raghnall. ‘Cha d’ fhuair iad teansa. Oir thug mi freagairt dhaibh.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Thuirt mi – “tha sibh coltach rium sa h-uile dòigh, ach nach eil stiall oirbh!” ’

‘Hut!’ thuirt Cailean. ‘’S e breug a tha sin. Ach, trobhad ort, tha tòimhseachan agam dhut fhèin.’

‘Siuthad, ma-thà,’ thuirt Raghnall, ‘cha chùm tòimhseachan agadsa fada mi.’

‘Dè an diofar a th’ ann,’ thuirt Cailean, ‘eadar àm nuair a bhios làn na mara cianail àrd agus fuaim obann a bhios daoine a’ dèanamh às an t-sròin?’

Bha Raghnall a’ meòrachadh. ‘Can a-rithist e,’ thuirt e.

‘Dè an diofar a th’ ann eadar àm nuair a bhios làn na mara cianail àrd agus fuaim obann a bhios daoine a’ dèanamh às an t-sròin?’

‘Tha diofar mòr ann,’ thuirt Raghnall. ‘Buinidh fear dhiubh don mhuir agus am fear eile don bhodhaig.’

‘Ge-tà,’ thuirt Cailean, ‘ ’s e diofar glè bheag a tha eatarra.’

Bha Raghnall a’ beachdachadh greis ach cha do rinn e a’ chùis. ‘Siuthad, ma-thà,’ thuirt e mu dheireadh. ‘Chan eil fios agam. Inns dhomh.’

‘An litir “s”, thuirt Cailean. ‘Sin uile.’

‘Ciamar?’ dh’fhaighnich Raghnall.

‘Uill, ’s e reothart a th’ anns an dàrna fear dhiubh, agus sreothart a th’ anns an fhear eile!’

‘Hmph,’ thuirt Raghnall. Cha robh e toilichte gun do dh’fhàilnich air an tòimhseachan fhuasgladh. ‘Ceart, ma-thà, seo tòimhseachan dhut fhèin. Dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’

‘Bidh a h-uile gas a’ lìonadh an t-soithich sa bheil e,’ thuirt Cailean. ‘Dh’ionnsaich sinn sin aig an àrd-sgoil’

‘Tha thu ceàrr,’ fhreagair Raghnall. ‘Canaidh mi a-rithist e. Dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’

Agus bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Dearg rùisgte: totally naked; asal: donkey; asal-stiallach: zebra; breug: lie (untruth); bodhaig: body; eatarra: between them; reothart: spring tide; sreothart (no sreathart): sneeze.

Abairtean na Litreach

Tha Raghnall agus Cailean nan caraidean: Ronald and Colin are friends; an-còmhnaidh a’ feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air a chèile: always trying to get one over the other; tha cus ùine aca airson a bhith a’ meòrachadh is a’ beachdachadh air gnothaichean: they have too much time for contemplating and considering matters; mòr agus suarach: great and trifling; pàirc nan lomnochdaichean: nudist colony; gun sgàth aodaich orra: without any clothes on them; fo chabair ann an togalach blàth: indoors in a warm building; ach a-mhàin air làithean samhraidh: except on summer days; chuir mi mo cheann thairis air an fheansa: I put my head over the fence; dìreach mar a bha iad an latha a rugadh iad: just as they were on the day they were born; mar bheathach air machraichean mòra Afraga: as an animal on the great plains of Africa; tha sibhse nur beathaichean: you are animals; trobhad ort, tha tòimhseachan agam dhut fhèin: look here, I have a puzzle for you; siuthad, ma-thà: go on, then; nuair a bhios làn na mara cianail àrd: when the tide is extremely high.

Puing-chànain na Litreach

Bidh a h-uile gas a’ lìonadh an t-soithich sa bheil e: every gas fills the vessel that contains it. A’ lìonadh is a verbal noun which commands a noun in the genitive case where the article is present (we’d say a’ lìonadh soitheach without the article). Soitheach is a masculine noun and its genitive singular inflection with the article is an t-soithich.

Gnàthas-cainnt na Litreach

tha sibh coltach rium sa h-uile dòigh, ach nach eil stiall oirbh: you’re like me in every way, except that you don’t have a stripe on you. This is an idiom that means you don’t have any clothes on!

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast