Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

13/02/2015

Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac ' ille Mhìcheil, beò à stiùidio a' BhBC ann an Glaschu. Còmhla ri Iain an t-seachdain-sa tha Anna NicDhòmhnaill à Eilean Bharraigh. Bha Anna greis mhòr ag obair aig àrd ìre anns na meadhanan, aig a' BhBC a-measg eile. Bha ì an uairsin a' dèanamh beagan teagaisg anns na meadhanan cruthachail aig Còlaisde Mhetropolitan ann an Glaschu, mus deach i an sàs ann an obair sa bheil ì sàs an-diugh. Thòisich Anna a companaidh fhèin, Events Ecosse, bho chionn dà bhliadhna. Tha a' chompanaidh a' cur air bhonn tachartasan sònraichte aig ìre phrìobhaideach air feadh na dùthcha. Tha càraid òg aig Anna sa duine, a bhuineas do dh'Uibhist a Tuath, agus tha iad a' fuireach ann an Glaschu. Cluinnidh sinn seanchas Anna, a bharrachd air ceithir roghainnean ciùil pearsanta. Mar is àbhaist cuideachd, bìth roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain fhèin. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the BBC studios in Glasgow. John welcomes Anne MacDonald, born and raised in Barra but now living and working in Glasgow. For many years Anne worked in the media business before beominga lecturer at metropolitan College in Glasgow. From there, she started her own company called Ecosse Events who arrange events throughout the country. Along with the engaging chat and craic will be an exceptional array of music including Americana, folk, Celtic and Country and Western. Stand by for some old classics and newly released songs.

Release date:

2 hours

Last on

Fri 13 Feb 2015 21:00