Main content

Tha toimhseachan a thaobh na sìde aig Ruaraidh san litir aige do luchd-ionnsachaidh. Week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 812: Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, thug mi tòimhseachan dhuibh.

            Cailleach bheag a’ chòta bhàin,

   Mar as tighe thig i bhàn,

   ’S ann as fheàrr a laigheas i.

            Tha mi an dùil gun robh sin furasta gu leòr. Sneachd, nach e? Còta bàn a bhios a’ laighe air ar dùthaich bho àm gu àm.

            Bidh sneachd gu leòr a’ laighe uaireannan air mullaichean nam beann. Agus bu mhath leam ur toirt an-dràsta gu beanntan Loch Abar. Ann am meadhan nam beann gu sear air a’ Ghearasdan, tha Stob Coir’ na Ceannain. Tha i eadar An Gearasdan agus Loch Trèig, deas air Drochaid Ruaidh, ann an sgìre a tha làn beul-aithris. ’S ann anns an sgìre sin a bha Dòmhnall MacFhionnlaigh nan Dàn a’ fuireach. Sgrìobh esan dàn ainmeil – Òran na Comhachaig – aig deireadh an t-siathamh linn deug. Eun a dh’fhàsas cianail sean, a rèir beul-aithris. Bu mhath leam naidheachd innse dhuibh às an sgìre sin, anns a bheil comhachag.

            Tha Stob Coir’ na Ceannain a’ faighinn a h-ainm bhon choire – Coir’ na Ceannain. Anns a’ choire, tha lochan. ’S e an ainm mo sgeòil Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain.

            Tha greis mhòr ann bhon a thachair seo. Tha e cho fada on a bha breac anns an lochan sin ’s gun robh Gàidhlig na h-eòin agus aig a h-uile rud a bha beò aig an àm sin. Canaidh cuid gu bheil Gàidhlig aig a’ bhrìdean agus aig an fhitheach is feadhainn eile fhathast. Ach, an uair sin, bha i aig a h-uile eun. Nuair a bha Gàidhlig aig na h-eòin, b’ e sin linn an àigh.

            Bha iolaire ann agus bha an latha uabhasach fuar. ‘Cha d’ fhairich mi riamh i cho fuar,’ thuirt i. ‘Ach thèid mi a-null a Shrath Oisein, thar a’ mhonaidh,’ thuirt i, ‘oir tha seann damh a’ fuireach sa mhonadh sin. Tha e gu math sean. Thèid mi ga fhaicinn, agus cuiridh mi a’ cheist air – “an d’ fhairich thu a leithid seo de dh’fhuachd riamh?”’

            Thachair an iolaire ris an damh. ‘Nis, a charaid,’ thuirt an iolaire, ‘an d’ fhairich thu riamh a leithid seo de dh’fhuachd?’

            ‘Cha d’ fhairich,’ thuirt e. ‘Cha d’ fhairich mi riamh a leithid de dh’fhuachd. Ach innsidh mi seo dhut, thalla sìos gu dachaigh na comhachaig. Tha mise ceithir fichead bliadhna ’s a deich, ach tha ise fada nas sine na sin.’

            Chaidh an iolaire sìos a’ bheinn. Thachair i ris a’ chomhachaig.  Chuir i an aon cheist air a’ chomhachaig ’s a chuir i air an damh.

            ‘O,’ ars’ a chomhachag, ‘cha d’ fhairich mise riamh a leithid seo de dh’fhuachd.

            ‘Cha d’ fhairich no mise,’ dh’aontaich an iolaire.

            ‘Ach trobhad seo,’ ars a’ chomhachag, ‘tha seann bhreac ann an Lochan Coir’ na Ceannain a tha air aon sùil. Cuir an aon cheist airsan.’

            Dh’fhalbh an iolaire a bhruidhinn ris an t-seann bhreac. Chuir an iolaire a’ cheist air, ‘an d’ fhairich thu riamh a leithid de dh’fhuachd?’

            ‘Dh’fhairich,’ fhreagair am breac. ‘Dh’fhairich mi aon latha a bha na b’ fhuaire na seo. Bha mi cho fuar anns an lochan ’s gun robh mi a’ gabhail ròidean mun cuairt, feuch an cuirinn teas orm fhìn. Bhuail mi air sgòr creige agus ’s e sin a dh’fhàg mi gus an latha an-diugh air aon sùil.’

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: sneachd: snow; Loch Abar: Lochaber; iolaire: eagle; damh: stag.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: cailleach bheag a’ chòta bhàin: the old woman of the white coat; mar as tighe thig i [a-]bhàn: the thicker she comes down; ’s ann as fheàrr a laigheas i: the better she lies; mullaichean nam beann: the summits of the mountains; deas air Drochaid Ruaidh: south of Roybridge; sgìre a tha làn beul-aithris: an area which is full of oral tradition; aig deireadh an t-siathamh linn deug: at the end of the sixteenth century; eun a dh’fhàsas cianail sean: a bird that grows extremely old; bu mhath leam naidheachd innse dhuibh, anns a bheil comhachag: I’d like to tell you a short tale, in which there is an owl; Breac na h-Aona Sùl’: the one-eyed trout; tha e cho fada on a bha breac anns an lochan: it’s such a long time since there was a trout in the lochan; thèid mi a-null a Shrath Oisein, thar a’ mhonaidh: I’ll go over to Strath Ossian, across the hill(s); thèid mi ga fhaicinn, agus cuiridh mi a’ cheist air: I’ll go to see him, and I’ll ask him; an d’ fhairich thu a leithid seo de dh’fhuachd riamh?: have you ever felt cold like this?; fada nas sine na sin: much older than that; ach trobhad seo: but look here; aon latha a bha na b’ fhuaire na seo: one day that was colder than this; cho fuar ’s gun robh mi a’ gabhail ròidean mun cuairt: so cold that I was jumping around; feuch an cuirinn teas orm fhìn: trying to warm myself up; bhuail mi air sgòr creige: I banged into a sharp projection of rock; ’s e sin a dh’fhàg mi air aon sùil: that’s what left me with one eye.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: ‘Cha d’ fhairich no mise,’ dh’aontaich an iolaire: Nor did I,’ agreed the eagle. To create this structure, we have to use the verb that was used previously. Here are some examples: Chan fhaca mi a leithid riamh ‘I never saw the like’; chan fhaca no mise ‘nor did I’. Cha tàinig mi dhachaigh ann an àm ‘I didn’t come home in time’; cha tàinig no mise ‘nor did I’. Cha do rugadh mi anns an dùthaich seo ‘I wasn’t born in this country’; cha do rugadh no mise ‘nor was I’.

Seanfhacal na Litreach

Seanfhacal na Litreach: Nuair a bha Gàidhlig aig na h-eòin, b’ e sin linn an àigh: when the birds spoke Gaelic, that was the age of joy.

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast