Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Clip

Litir 782: Ailean an Rids - Pàirt 2

Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd Ailean Dòmhnallach, Ailean an Rids, à Màbu ann an Ceap Breatainn. Bha e beò eadar seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794) agus ochd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1868). Sgrìobh Oighrig NicFhraing leabhar gu math inntinneach mu dheidhinn.

            Bha Ailean na Abrach, agus bha e dlùth ri a dhùthchas agus ris na daoine dham buineadh e. Ach cha robh cianalas airson na seann dùthcha a’ tighinn a-steach don bhàrdachd aige. Bha cùisean truagh do na daoine cumanta ann an Alba. Bha Ailean dhen bheachd gun robh e na b’ fheàrr dheth far an robh e.

            Chì sinn na beachdan aige gu làidir anns an dàn Moladh Albainn Nuaidh. Sgrìobh e an dàn seo mar fhreagairt do bhàrd eile a bh’ air a bhith a’ moladh na seann dùthcha.

Chuir thu bòilich sìos is bòsd

Air cùisean mòr nad rann,

Searbh a’ ghlòir leam cainnt do bheòil

Oir bha mi eòlach thall:

An Albainn fhuar, ge fada bhuam i

Suarach leam an call,

B’ e fàth an gruaim an càramh cruaidh

Bh’ air truaghain bhochd’ a bh’ ann.

                       

            Carson a bha e cho trom air Alba? Bha a chionn ’s gun robh na h-uaislean – na h-uachdarain – cho an-iochdmhor. Bha na Gàidheil air smachd air an dùthaich – agus air an dùthchas – a chall.

’S i ’n tìr a dh’fhàg thu ’n tìr gun chàirdeas

Tìr gun bhàigh ri Tuath,

Ach gu tùrsach iad ga fàgail

’S ànraidh thar a’ chuain:

Daoine bochda, sìol nan coitear

Bha gun stoc gun bhuar,

’S mairg a chàin iad tìr an àigh

San d’ fhàs iad nan daoine uaisl’.

 

          Chì sinn taobh eile dhen bhàrd anns na dàin aige mu dheidhinn deoch làidir. B’ e seo cuspair a bha cumanta gu leòr am measg nam bàrd Gàidhealach. Dh’fhàg Ailean a dhachaigh air an Rids ann am Màbu ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847). Chaidh e a dh’fhuireach ann an Antigonish air tìr-mòr na h-Alba Nuaidh – àite a bha fhathast gu math Gàidhealach. Ach bha an Eaglais Chaitligeach air a dhol an aghaidh deoch làidir an sin. Agus cha robh Ailean cho toilichte. Ann an ochd ceud deug, caogad s a ceithir (1854), sgrìobh e Òran dhan Deoch. Seo criomag dheth:

Ge fada na mo thàmh mi

Tha ’n dàmhair dhomh dùsgadh

Cia fàth ma ’n thriall mo mhànran

’S gum b’ àbhaist dhomh sùgradh?

’S e ’n lagh a rinn am Pàpa

Thug m’ àbhachd gu tùrsa

’S a tharraing mi gu smuairein

Bhon dh’ fhuadaich e ’n drùdhag.

 

Agus tha am bàrd ag ràdh:

Ach toirmeasg ort, a Bhàccuis

Rinn m’ fhàilinn ’s bu mhòr i

Nuair fhuair thu ’n lùib do ghràidh mi

Le d’ àmhailtean gòrach...

 

          Tha Ailean a’ stèidheachadh an dàrna rainn mu dheireadh air dàn a tha ainmeil ann am bàrdachd na Gàidhlig. An aithnich sibh fhèin am bàrd?

          ’S truagh nach d’ rugadh dall mi

Gun chainnt no gun lèirsinn

Mu ’m facas riamh an dram sin

Rinn aimhleas nan ceudan:

Nuair bhuaileas e sa cheann mì

Gun teann e ris fhèin mi

’S chan fhasa leam na ’m bàs

A bhith làthair às eugmhais.

 

Seadh, cò bh’ ann ach Uilleam Ros a bha cho math air bàrdachd gaoil. Aon bhàrd a’ toirt urram, tha mi an dùil, don fhear eile.

Faclan na Litreach

Màbu: Mabou; Oighrig NicFhraing: Effie Rankin; cianalas: homesickness; uaislean: gentry; uachdarain: landlords; an-iochdmhor: unmerciful; ànraidh: distress.

Abairtean na Litreach

Bha Ailean na Abrach: Allan was a Lochaber man; gun robh e na b’ fheàrr dheth far an robh e: that he was better off where he was; chuir thu bòilich sìos is bòsd air cùisean mòr nad rann: you boasted loudly of great subjects in your verse; searbh a’ ghlòir leam cainnt do bheòil oir bha mi eòlach thall: your language is offensive to me for I was well acquainted yonder; an Albainn fhuar, ge fada bhuam i, suarach leam an call: in cold Scotland, thought it be far from me, it is no great loss; b’ e fàth an gruaim an càramh cruaidh [a] bh’ air truaghain bhochd’ a bh’ ann: the gloom of the poor folk was caused by the harsh conditions; gun bhàigh ri tuath: without compassion for tenants; sìol nan coitear: the offspring of the cottars; gun stoc gun bhuar: without stock or cattle; ’s mairg a chàin iad tìr an àigh: it’s woeful they condemned the land of fortune; ge fada na mo thàmh mi, tha ’n dàmhair dhomh dùsgadh: though I have long been at rest, it is time I awoke; cia fàth ma ’n thriall mo mhànran ’s gum b’ àbhaist dhomh sùgradh?: why has my tunefulness forsaken me and how I used to make merry?; [a] thug m’ àbhachd gu tùrsa: [which] changed my merriment to sadness; bhon dh’ fhuadaich e ’n drùdhag: since he banished the drink; nuair fhuair thu ’n lùib do ghràidh mi le d’ àmhailtean gòrach: since you ensnared me in your love with your foolish tricks; mu ’m facas riamh an dram sin: before that dram was ever seen; ’s chan fhasa leam na ’m bàs a bhith làthair às eugmhais: I would as soon die as be without it.

Puing-chànain na Litreach

San d’ fhàs iad nan daoine uaisl’: in which they became gentlemen. As a Gaelic learner you might have expected san do dh’fhàs iad … rather than san d’ fhàs iad…. as that is the ‘standard’ which is usually taught in Gaelic courses. However, note that locally, particularly in mainland dialects, you will sometimes hear an d’ rather than an do dh’ for the past tense form of a verb that starts with a vowel or an ‘f’ followed by a vowel eg an d’ fhuirich ann? ‘did you stay there’?

Gnàthas-cainnt na Litreach

toirmeasg ort: confound you (lit. ban you).

 

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast