Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Mac'ille Mhìcheil

Cuide ri Iain bìth Tim Armstrong, ùghdar 's eòlaiche chànain à Seattle. John's guest is Dr Tim Armstrong, recent winner of the Saltire Society's award for First Book.

Dà uair a thìde de cheòl is còmhradh cuide ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Bìth Iain a' cur fàilte an t-seachdainn sa air an Dr Tim Armstrong, à Seattle. Tha Tim an-diugh stèidhichte san Eilean Sgitheanach far a bheil e 'g obair na rannsaiche agus neach-teagaisg aig Oilthigh na Gàidhealtachd. Bho chionn seachdain, choisinn è an duais aig cuirm Comann Bratach na Croise (Saltire Society) airson a' Chiad Leabhar Albannach as fheàrr airson an leabhair, Air Cuan Dubh Drilseach. 'S è a' chiad nobhail ficsean-saidheans do dh'inbhich ann an Gàidhlig. B'àbhaist do Tim cuideachd a bhith cluich ann an còmhlan punc, sa Ghàidhlig. Cluinnear ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aig Tim. Mar is àbhaist cuideachd bìth taghadh sònraichte de sheinneadairean is còmhlain aig Iain fhèin air an liosta ciùil. Sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country + Western, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.

John Carmichael brings you a warm and lively wind-down listen, at the end of the week with chat and music from the BBC studios in Glasgow. This week John welcomes Dr Tim Armstrong who hails from Seattle. Presently, Tim is based on the Isle of Skye as a research fellow and sociolinguist at the University of the Highlands and Islands. A week ago,Tim scooped the Saltire Society's prestigious "first book" prize with his book "Air Cuan Dubh Drilseach" (On a Glittering Black Sea). He is also a former member of a punk band and in this programme he will choose his four personal favourite songs. We'll also hear a variety of music ranging from traditional country and western stars to folk, Gaelic and Celtic performers.

2 hours

Clip

Broadcast