Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

18/11/2013

A-nochd air Breab do Rapal tha Caitlin Nic a' Ghobhainn agus Màiri NicFhionghain sa stiùidio còmhla ri Coinneach. 'S ann à Inbhir Nis a tha Caitlin, agus 's ann à Tiriodh a tha Màiri, ach tha iad an-dràsta nan oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig. Beò à Stiùidio Fàs aig a' cholaiste, cluinnidh sinn an taghadh ciùil aca, carson a thagh iad na h-òrain, agus cò ris a tha Sabhal Mòr Ostaig coltach dhaibhsan! Sin agus pailteas clabadaich air iomadh cuspair, na naidheachdan neònach is clàran-ciùil na seachdain mar as àbhaist. Agus às dèidh Clann ann an Èis 2013, bidh dealbh-chluich sònraichte air a' phrògram le oileanaich an t-Sabhail. Sin uile air Breab do Rapal. Cuimhnich g'eil sinn air Facebook agus air a' fòn ma tha sibh son fios a chuir thugainn, òran a chluinntinn, neo dìreach hallo a radh! 08000 96 70 50.

Release date:

1 hour, 57 minutes

Last on

Mon 18 Nov 2013 19:03