Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An tuath-gaoithe

Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa tighinn ceangailte ri dè na buannachdan agus dè an call a bhiodh an cois tuath-gaoithe a chruthachadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha an sealladh-tìre àlainn agus fois is sìth an eilein a' còrdadh ris a' chàraid Daibhidh agus Salaidh MacAlasdair agus cha chòrdadh e riutha idir nam biodh seo air a mhilleadh le tuath-gaoithe.

Anns a' phrògram seo tha iad ag ionnsachadh mu chumhachd ath-nuadhachail agus na buannachdan a tha na chois, buannachdan a tha iad a' tuigsinn a the riatanach dhan àrainneachd. Ach aig an aon àm, chan eil iad airson gun atharraich cùisean air an eilean agus chan eil fios cinnteach aca dè a' bheachd a bu chòir a bhith aca mun chùis.

An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Release date:

20 minutes

Last on

Sun 17 Nov 2013 14:30